'S e baile beag ri taobh Medellín ann an Antioquia,[1] Coloimbia, a th'ann Amagá. Tha e suidhichte anns a' Ghleann Aburrá. Ann an 2002 bha 26,954 duine a' fuireach an seo. Chaidh am baile a stèidhicheadh ann an 1788.

Amagá
municipality of Colombia
Cur air cois1788 Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailSouthwestern Antioquia, Antioquia Deasaich
Domhan-leud is -fhad6°2′18″N 75°42′10″W Deasaich
Cànan obrach no ainmChoco Deasaich
Làrach-lìnhttp://amaga-antioquia.gov.co/sitio.shtml Deasaich
Cód fónaichean-talmhainn0057 4 Deasaich
Map

Ainm an àite deasaich

A-rèir a' bheul-aithris, thug na Tùsanaich Katìo an t-ainm “Amagá” air an làraich far a bheil am baile a-nis. Nam biodh sin ceart, bhiodh am facal “Amagá” a' ciallachadh "Coltach ris a' Gheilmhin, bho “ama” (geilmhin) agus “ká” (coltach ri). “Amaká”, neo “Amagá” an latha an-diugh.

Tha mìneachadh eile ann, a tha a' dearbhadh gur ann às an fhacal “Omogá”, a thàinig an t-ainm "Amagá". 'S e clachan beag aig na Tùsanaich Nutabes, buidheann eile a bha nan tàmh anns an sgìre, a bh'ann “Omogá”. Dh'atharraich na Spàinntich ainm a' chlachain gu “Pueblo de las Peras” (Baile nam Peuran). Cha robh facal aig na Spàinntich airson avocado, leis gur e meas à Aimearaga a th'ann, agus thug iad peuran (Spàinntis: peras) orra.

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 27,155 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 13,085 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Amagá, ach tha 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.9% dhe na daoine ann an Amagá leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 54.1% dhe na dachannan.[4]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Amagá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

  • Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
  • Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
  • Fèis a' Ghuail: an Dùbhlachd.
  • Fèisean a' chiùil Carrilera, an Dannsa agus a' chiùil Guasca.
  • Fèille an Naoimh Righ Fernando.

Daoine ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Mapa oifigeil na roinneTeamplaid:Fix/category[dead link]
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Colombia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: