Almería
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Almería
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 8,775 km²
Àireamh-shluaigh 702,819 (2014)
Dlùths 80.09/km²
Àireamh fòn + (950)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Almería (IPA: almeˈɾi.a no aɾmeˈɾi.a, al-). Tha e na laighe ann an Andalusia, air an àirde an ear-dheas na dùthcha. 'S e Almería a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Almería fad 8,775km²[3] agus tha 702,819 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 27mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 23mh tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Granada agus Murcia.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm deasaich

Tha luchd-rannsachaidh uile dhen bheachd gur ann à المريّة (Al-Mari'yah) ann an Arabais a tha an t-ainm, agus gu bheil sin a’ ciallachadh Tùr na faire.[6] Thogadh an t-seann bhaile shuas air bàrr cnuic gu math àrd os cionn a' phort ann am meadhan Almería, rud a bheir cuideam dhan teòiridh seo. A dh' aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à المرية ach gu bheil sin a’ ciallachadh Sgàthan na Mara.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean deasaich

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Spain Info
  7. Tapia Garrido, José Ángel: Historia general de Almería y su provincia, Almería: Cajalmería, 1991. ISBN 84-505-9623-8