B' e craoladair Albannach a bh' ann an Ali Abbasi (6 an Lùnastal 196130 an t-Iuchar 2004). Bha e ainmeil mar dhuine eirmseach, èibhinn.[1] Bha Beurla, Urdu agus Gàidhlig aige.[2]

Ali Abbasi
Beatha
Breith Karachi, 6 dhen Lùnastal 1961
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Bàs Glaschu, 30 dhen Iuchar 2004
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (systemic lupus erythematosus (en) Translate)
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd preasantair telebhisein
Fastaichean BBC Scotland

Rugadh Abbasi ann an Karachi, Pacastan ann an 1961 agus thàinig e a dh'Alba ann an 1963.[1]

B' àbhaist dha obair mar neach-taic aig na gailearaidhean ealain aig Comhairle Baile Ghlaschu.[3] Ann an 1994, thòisich e ag obair aig BBC Scotland a' toirt seachad fiosrachadh mu na rathaidean agus siubhal.[3] A bharrachd air na naidheachdan-siubhail a libhrigeadh, dh'obair e cuideachd mar teicneolaiche fuaim nuair a bhathar a' craoladh a-muigh.[3]

Dh'fhoillsich e leabhar còcaireachd, No Worry Curries, agus dà leabhar làn fealla-dhà, The Ali Abbasi Joke Book.[1] Sgrìobh Jack McConnell, Prìomh Mhinistear na h-Alba aig am àm, ro-ràdh dhan leabhar còcaireachd.[1]

Dh'ionnsaich e Gàidhlig agus nochd e ann am prògraman Gàidhlig, nam measg Dè a-nis agus Air ais air an Ran Dan. Ann an 2003, dà bhliadhna às dèidh dha tòiseachadh air a' Ghàidhlig, chaidh ainmeachadh mar Gaisgeach na Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba.[4] Rinn e pìosan cuideachd air a' phrògram Rapal air Radio nan Gàidheal.[5]

Chaochail e air 30 an t-Iuchar 2004 aig Taigh-Eiridinn an Iar, Glaschu,[1] às dèidh tinneasan a dh'adhbharaich lupus, galar a mhilleas siostam ion-dhìon a' chuirp.[6] Chumadh seirbheis aig Mosg a' Mheadhain agus chaidh e thìodhlacadh aig Cladh Linn ann an Glaschu.[1]

Mar chuimhneachain dha, stèidhichte Cupa Ali Abbasi aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Bidh a' comharrachadh duais airson leughadh pìos bàrdachd le luchd-ionnsachaidh.

Iomraidhean deasaich

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 'Tributes Paid to BBC Broadcaster' BBC Naidheachdan. 31 Iuchar 2004. air Archive.org
  2. Gràin-chinnidh agus gaol cànain An Colbh Gàidhlig, An Scotsman 29 am Faoilleach 2003.
  3. 3.0 3.1 3.2 BBC Scotland's Ali Abbasi dies. Brath-naidheachd leis a' BhBC. 30 Iuchar 2004.
  4. BBC Naidheachdan Ali Abbasi a 'Gaelic Champion' 10 Dàmhair 2003. air Archive.org
  5. An Colbh Gàidhlig, An Scotsman, 1 an Lùnastal 2004.
  6. Death of Ali Abbasi triggered by Lupus. The Scotsman, 1 Lùnastal 2004. air Archive.org