B’ e fear-lagha, sgoilear, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an Alfonso López Michelsen (Bogotá, 30 an t-Ògmhios 1913 – ibidem, 11 an t-Ògmhios 2007).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 7 an Lùnastal 1974 agus 7 an Lùnastal 1978.[2] Bha athair, Alfonso López Pumarejo, na cheann-suidhe dà thuras roimhe, eadar 1974 agus 1978, agus an uair sin bho 1942 gu 1946.[3] Phòs e aig Cecilia Caballero Blanco ann an 1938 agus rug i triùir duine-cloinne dha. S' e boireannach uabhasach ainmeil a th’ innte, a rinn tòrr airson nam ban agus an cuid chòirichean.

Alfonso López Michelsen
Ministear Chùisean Cèin Choloimbia


Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1974 - 7 dhen Lùnastal 1978
Misael Pastrana Borrero - Julio César Turbay Ayala
Beatha
Breith Bogotá, 30 dhen Ògmhios 1913
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 11 dhen Iuchar 2007
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (greim-cridhe)
Teaghlach
Athair Alfonso López Pumarejo
Màthair María Michelsen Lombana
Cèile Cecilia Caballero Blanco (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh an Rosario
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-teagaisg oilthigh, neach-lagha agus neach-poileataigs
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

A bharrachd air bliadhna na chomhairliche airson Engativá (1938) cha do rinn e càil ann am poileataigs mus robh e 40 bliadhna a dh'aois. B' fheàrr leis a bhith an lùib nan oilthighean agus bha e na cheann-suidhe an Universidad Libre. Chuir an teaghlach seachad bliadhnaichean nam fògarraich thall thairis aig àm na deachdaireachd aig Gustavo Rojas Pinilla, ach cha do thill iad mus leig esan a dhreuchdan ann an 1957. An ceann dà bhliadhna chaidh gluasad poileataigeach a stèidheachadh le seann oileanaich aige, air an robh an MLR. Sheas e an aghaidh Guillermo León Valencia ann an 1962 airson na buidhne sin, ach chaill e. Bhuannaich e mu dheireadh thall ann an 1974.[4] Dh'fhàgadh airsan nach robh e rag a thaobh luchd-reic dhrogaichean agus gu robh e gu math dluth air Na Stàitean Aonaichte.

Iomraidhean deasaich

  1. Colombia
  2. Banrepcultural
  3. Colombia
  4. Presidencia de Colombia