B' e lighiche agus sgrìobhadair Greugach cudromach dhan Impireachd Bheasantian a bh' ann an Aëtius à Amida (Greugais: Ἀέτιος Ἀμιδηνός, Laideann: Aëtius Amidenus, Diyarbakır, 5mh Linn/6mh Linn).[1] Thathar dhen bheachd gur e Crìosdaidh a bh' ann o chionn 's gun do nochd dithis phears-eaglais anns an leabhraichean aige: Cyril à Alexandria (376 - 444) agus Theuderikhos (454 - 526).[2] Fhuair e a chuid foghlaim ann an al-Iskandariyyah, san Èipheit agus shiubhail e gu Palastain agus Cìopras. Thug Galen agus Oribasius buaidh uabhasach fhèin mòr airsan.[3] B' e Aëtius a chlàraich am facal acne (ἀκνή) airson a' chiad turais. A bharrachd air sin, sgrìobh e mu dheochan-eiridinn airson casg-breith agus casg-gin.[4] Bha e cuideachd na lighiche pearsanta dhan Righ Justinian I.

Aëtius à Amida
Beatha
Breith Amed, 502 (Gregorian)
Dùthaich  Cùrdastan
Bàs Alecsandria, 575 (Gregorian)
Foghlam
Cànain Seann-Ghrèigis
Dreuchd
Dreuchd lighiche agus sgrìobhadair

Obair deasaich

  • Βιβλία Ἰατρικά Ἑκκαίδεκα
  • Aetii Medici Graeci Contractae ex Veteribus Medicinae Sermones XVI

Iomraidhean deasaich

  1. Dunglison, Robley (1872). History of Medicine from the Earliest Ages to the Commencement of the 19th Century. Philadelphia: Lindsay and Blakiston.
  2. tetrab. ii. serm. iii. 110
  3. Loebe Classical Library
  4. Riddle, John M. (1997). Eve's Herbs: A History of Contraception and Abortion in the West. Harvard University Press. ISBN 0-674-27026-6.