Össjö

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Ängelholms kommun
Sgìre Skåne Län
Co-chomharran 56° 14 00' Tuath
13° 02 00'Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 27 km²
Àireamh-shluaigh 199 (2010)
Dlùths 7.37/km²
Àireamh fòn 0435

'S e clachan (Suainis: småort) faisg air Klippan ann an Ängelholms kommun ann an ceann a deas na Suaine a th' ann an Össjö (Seann ainm: Åsbo-Össjö). Tha e suidhichte anns an roinn Skåne län[1] ri taobh nan coilltean.[2] Tha Össjö 174km air falbh bho Ghöteborg agus 456km bho Stockholm prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 199 daoine a' fuireach ann.[4] Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1406 Odhinsöö.

Freumhan an Ainm deasaich

Chan eil freumh-fhaclachd an ainm seo idir soilleir ach tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Seann-Lochlannais a tha e: Óðinn (Odan), Dia-athar nan Lochlannach ron Chrìosdaidheachd agus ey (eilean).[5] Bheireadh sin Innis Odain, Eilean Odain air neo Odansaidh dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Eachdraidh deasaich

Chaidh eaglais a thogail an seo san 12mh Linn ann an stoidhle Ròmanach.[6] B' e togalach gu math bunaiteach a bh' ann aig an toiseach ach chaidh a leasachadh eadar an 17mh Linn agus an 19mh Linn. Eadar 1814 agus 1815, thog Adolf Fredrik Tornérhjelm oighreachd an seo, air a bheil Össjö Gård. Thàinig an Rathad-iarainn ann an 1904 ach dhùnadh e ann an 1953.

Daoine ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Nationalencyklopedin
  2. Svensk Geografi
  3. Distance Calculator
  4. Cunntas-sluaigh na Suaine
  5. Oilthigh Obar-dheathain
  6. Guidebook Sweden
  7. IMDB

Ceanglaichean a-mach deasaich