Ìosaigh
Ìosaigh, na h-Eileanan Siar air a cùlaibh
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Innis-mhuir An t-Eilean Sgitheanach
Co-chomharran 57° 31′ 0″ T
6° 39′ 0″ I
Feartan fiosaigeach

'S e eilean san àird an iar thuath an Eilein Sgitheanaich a tha ann an Ìosaigh (IPA: [ˈiəs̪aj], Beurla: Isay). Tha e suidhichte ann an Loch Dhùn Bheagain agus tha e na phàirt de na h-Eileanan a-staigh. Tha e cho farsaing ri 60 heactair, agus tha an t-àite as àirde cho àrd ri 28 m (92 troigh). Thàinig an t-ainm Ìosaigh bhon fhacal Seann Lochlannais "ise-øy" a tha a’ ciallachadh "Eilean eighe.[1] Anns an 19mh linn bha timcheall air 90 duine a’ fuireach anns an eilean. Ach aig àm nan Fuadaichean, dh’fheumadh a h-uile duine an eilean fhàgail airson Ìosaigh a chur fo chaoraich. Anns na 1980an bha an t-eilean aig an neach-ciùil Donovan. An-diugh chan eil daoine sam bith a’ fuireach ann. Còmhla ris na h-Eileanan Ascrib agus Loch Dhùn Bheagain 's e ionad sònraichte gléidhteachais a th' annta. [2]

Iomraidhean deasaich

  1. http://www.scottish.parliament.uk/vli/language/gaelic/pdfs/placenamesF-J.pdf Iain Mac an Tàilleir], "Placenames", duilleag 67, Pàrlamaid na h-Alba
  2. Scottish Natural Heritage - Ascrib Isay and Dunvegan Special Area of Conservation

Tuilleadh leughaidh deasaich

  • Haswell-Smith, Hamish (2004): The Scottish Islands. Canongate, Dùn Èideann. ISBN 1841954543.