An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair MacCoinnich"

Content deleted Content added
Air Ceartachadh tiotal an leabhar a sgriobh (Dr?) Fionnlagh MacLeoid
bNo edit summary
Loidhne 3:
B'e ceannaiche bhian a bha ann an '''Alasdair MacCoinnich''', a' chiad duine [[Roinn Eòrpa|Eòrpach]] a shiùbhail thairis air Tir-mòr [[Ameireaga-a-Tuath]] agus a ràinig an [[Cuan Sèimh]].
 
Rugadh e an, neo faisg air, [[Steornabhagh]], [[Leòdhas|Eilean Leòdhais]] an [[1764]]. Às dèidh bàs a mhàthar an [[1774]] chaidh e còmhla ri athair gu [[Eabhraig Nuadh]]. Nuair a thòisich an t-[[Ar-a-mach Ameireaganach|Ar-a-mach Aimearaganach]] ann an [[1775]], chaidh athair Alasdair, a bha air a bhith na oifigeach airson [[a' chiad Rìgh Deòrsa|Rìgh Deòrsa]] ann an Arm Bhreatainn rè [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart|Bhliadhna Theàrlaich]], dhan Arm Dearg a-rithist agus chuireadh Alasdair fhèin tuath gu [[Canada]].
Ghabh e an sàs ann am malairt nam bian gun e ach coig bliadhna deug. Chuir e sùim anns na bh' aig na h-Innseanaich ri ràdh mu chumadh na tìre anns an àirde an ear-thuath agus an 1789, aois còig bliadhna fichead, bha e os cionn iomairt a bha a' miannachadh slighe a lorg bho Chanada, nach robh ach na dùthaich bheag aig an am sin ach mun taobh sear, an iar dhan Chuan Sèimh.
 
Cha do shoirbich leis an sgriobsgrìob a rinn e an [[1789]]. Lorg e ceann aibhne a bha a' ruith an iar a mach à Loch SleibhSlèibh Mòr, ach cha do lean i ach dhan [[Cuan Argtach]]. (an-diugh 's e Abhainn MhicCoinnich a chanar ris an abhainn seo).
 
Dh'fheuch MacCoinnich a-rithist an [[1793]], 's e a' fagail Fort Fork air 9 an Cèitein. An turas seo lorg e beàrn sna Rockies agus ràinig a sgioba cladach a' Chuain Shèimh air 22 Iuchar [[1793]].<ref>Fionnlagh MacLeòid, '''Alasdair MacChoinnich ann an Canada''', Acair, Steòrnabhagh, 1991, ISBN 0861528433</ref>
 
Thill MacCoinnich a dh'Alba na sheann aois. Chaochail e an [[1820]] agus chaidh a thiodhlacadh ann an Abhach, san Eilean Dubh.
 
==Iomradh==