An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Inneal-smùide"

Content deleted Content added
deas
bNo edit summary
Loidhne 7:
 
[[image:Inneal Newcomein 20071112.jpeg|right|]]
Tha an dealbh air an taobh cli a'riochdadh an cruth de inneal stoith a h-uraich '''Tomas Newcomen''' ([[1663]]-[[1715]]) mun bhliadhna [[1706]]. Is inneal-steidhichte a tha ann, sonraichte ri taosgadh uisge a-mach às mèin. B’ e Inneal Newcomein a’ chiad inneal-stoith uidheamaichte le '''steallair''' a dh’obraich ann an '''siorcair'''; a’ chiad inneal-stoith dealbhaichte ri tiomanadh bheirt ( taosgaire) agus a'chiad gnè inneal-stoith a rinn dleasdanas malairteachd.
 
Tha eagar an t-innil soillear anns an dealbh. Chaidh togail air innealan mar seo ri taobh '''sloc an taosgaidh''' – toll inghar, mu deidhinn 2m anns an leud, a rachadh sios do trannsa b’ isle na mèine. Bhiodh Taosgaire-Sàthaidh suidhichte ann an slugan aig bun an t-sluic, le a shlat-thiomain na shineadh suas, a mach a beul an t-sluic, far an rachadh a h-altachadh, le slabhraidh, ri ceann a-muigh na '''Sail Mhòr'''.