An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Àrd-bhaile"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
'S e a th' ann an '''àrd-bhaile''' no [[àrd-chathair]] ach [[cathair]], no [[baile]], a tha mòr dha-rìreabh, le tuilleadh air leth-mhillean luchd-còmhnaidh anns a' chathair-bhaile fhèin, agus le co-dhiù millean daoine a' fuireach mun cuairt air. Tha na bailtean mòra a thèid a ghabhail a-steach ann an [[sgaoileadh bailteil|sgaoileadh]] àrd-bhaile gam meas mar phàirt dheth, 's chan ann nan àrd-bhailtean iad fhèin, a chionn 's nach eil iad aig cridhe an sgaoilidh bhailteil sin.
 
Mar as trice, tha àrd-bhaile ann an teis-mheadhan gnothaichean [[eaconamach]], agus aig cridhe cùisean [[phoilitigeach]] [[chultarach]] [[roinn]] no [[dhùthaich|dùthaich|dhùthaich]]. Mar an ceudna, tha e na bhoillsgean, a thaobh ceanglaichean agus conaltradh roinneil no eadar-nàiseanta.
 
Bhathar a' meas [[rìgh-chathair]] mar àrd-bhaile a chionn 's gum b'e àite-còmhnaidh an rìgh a bhiodh ann.