An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rob Ruadh MacGriogair"

Chaidh 1 bhaidht a thoirt air falbh ,  12 bhliadhna air ais
b
gun ghearr-chunntas deasachaidh
b
b
Bha '''Raibeart Ruadh MacGriogair''', (7mh Màrt [[1671]] - 28mh Dùbhlachd, [[1734]]), no '''Rob Ruadh''' mar a bu thric a theirte ris, na dhuine ro chliùteach ann an [[Alba]] aig toiseach na h-ochdamh linn deug. Aig amannan bha e na fhear-gnothaich speiseanta, ach aig amannan eile 's e fear-togail-creich a bh'ann, agus chuir e seachad mòran dheth bheatha fo chàrn.
 
Rugadh RaibRob Ruadh ann an [[Gleann-Gaoil]], aig ceann [[Loch Caitrìona|Locha Caitrìona]], mar a gheibhear a-mach ann an Clàr nam [[baisteadh|Baistidhean]] Sgìre Bhochanan. B' iad Dòmhnall MacGregor agus Mairead Chaimbeul a phàrantan. Phòs e Màiri Eilidh NicGriogair às Comar, a rugadh aig an fhearann Lànaidh, [[An t-Iomaire Riabhach]]. Phòs iad ann an Glenarklet ann san fhaoilteachFhaoilteach [[1693]]. Rugadh ceathrar mhac dhaibh: Seumas Mòr, Rànall, Coll, agus Raibeart, neo Rob òg mar a b'fheàrr a dh'aithneachadh e.
 
Bha Raibeart na [[Na Seumasaich|Sheumasach]] bhon a' bhroinn, agus thathar ag ràdh gun robh e an làthair aig [[Cath Raon Ruairidh]], [[1689]]; gu deimhinne bha e fhein agus a dhaoine an sàs ann am [[Blàr Ghleann Sheile]], [[1719]]. Ach chaill e [[Blàr Sliabh an t-Siorraim]], [[1715]] ged a mhiannaich e bhith ann.
760

deasachadh