An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Prionnsa Teàrlach Stiùbhart"
Content deleted Content added
b robot Modifying: nl:Karel Eduard Stuart |
|||
Loidhne 13:
===Bliadhna a' Phrionnsa===
====Carson a' Ghàidhealtachd?====
Tha ceangal mòr eadar ainm Theàrlaich agus [[Gàidheal|Gàidheil Alba]]. Bha e earbsach asta agus cha b' ann gun adhbhar, oir bhiodh muinntir na [[Gàidhealtachd na h-Alba|Gàidhealtachd]], àite iomallach beanntanach a bha doirbh dhan riaghaltas smachd a chumail air, a-riamh a' toirt taic dha [[na Seumasaich]] fo bhuaidh an cinn-cinnidh. 'S ann aig aois còig bliadhna fhichead a dh'fheuch Teàrlach ri Crùn a shinnsirean fhaighinn air ais. Dh'fhàg e [[an Fhraing]] mu mheadhan an t-samhraidh, [[1745]], agus cha b' fhada gus an robh e air tìr ann an [[Alba]], an [[Eilean Eirisgeigh]]. Cha robh dùil aig na fineachan [[na Seumasaich|Seumasach]] ri leithid aig an àm ud, agus bha a' chuid a bu mhotha dhe na [[cinn-cinnidh]] dhen bharail nach robh cùisean fàbharrach dhaibh. Ach
====Toiseach tòiseachaidh====
|