An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coirce"

Content deleted Content added
Loidhne 15:
Tha '''aran-coirce''' no '''bonnach''' na bhiadh cumanta fhathast ann an Alba. 'S iomadh chomas a th' aca; thèid a ghabhail le [[brot]] an àite [[aran]], airson [[biadh na maidne]] le [[silidh]]. Is tric a tha daoine gan gabhail le càise, agus tha iad ri fhaicinn air clàran taighean-bidhe cuideachd. Tha aran-coirce air a dhèanamh de mhìn-choirce garbh, beagan [[geir]], [[salainn]], agus uisge teth. Thathar ga fhuine ann an [[àmhainn]], no ga bhruich air [[greideal]].
 
Tha caochladh tionndaidheanthionndaidhean de dh' '''ULLAG'''. 'S e mìn-choirce tioram le [[siùcar]] a th' ann an '''ULLAG''' [[Siorrachd Rois]] an Iar <ref>
'''Faclan is Abairtean à Ros an Iar''' [http://www.gaelicbooks.net/store/product_info.php?cPath=19&products_id=224]
;Roy Wentworth </ref> a bhathas a' toirt do chloinn ''air an annas''. 'S e mìn-choirce ùr-bhleithte, measgaichte na dhorlach le [[uisge]], [[bainne]] no [[uisge-beatha]] a th' ann an ullag [[Gallaibh|Ghallaibh]], [[Cataibh|Chataibh]] agus [[Leòdhas|Leòdhais]]. Bhathas ga ghabhail gun a bhith ga fhuine idir. An dèidh sin agus na dhèidh, tha tionndadh eile air ullag. [[Sìol]] [[eòrna]] a bhathas a' [[caoineachadh]] ann am poit, cho luath 's a bha e air a bhuain, gus an robh e donn. Bhathar an uairsin ga bhleith air a' [[brà|bhrà]], a' cur uisge teth ris agus salainn.<ref> '''Faclair Gàidhlig gu Beurla Le Dealbhan''';Eideard Dwelly; Foillsichte le Gairm ISBN 1 84158 109 7</ref>
Loidhne 21:
'S e mìn-choirce agus uachdar a th' ann an '''stapag-bharra'''; le [[siùcar]] air a chur ris uaireannan.
 
Tha '''crannachan''' na [[mìlsean|mhìlsean]] de mhìn-choirce grèidhte, uachdar, [[mil]], uisge-beatha agus [[sùbhag-craoibh|sùbhagan-craoibhe]]. Gun sùbhagan-craoibhe, 's e dìreach '''stapag''' a bhios air. Tha crannachan measail air feadh na h-Alba, agus gheibhear diofar thionndaidhean air, mar eisimpleir le [[aran-milis]] anns a' bhàrr aig an [[taigh-bìdh]] ainmeil [[The Three Chimneys]] anns an [[Eilean Sgitheanach]]. [[Image:oat_cranachan.jpg|thumb|left|280px|Crannachan]]
 
'S e brot de mheòg air a thiughachadh le mìn-choirce a th' ann an '''eanraich''' no '''brot-eanraich'''.
[[Image:oat_cranachan.jpg|thumb|left|280px|Crannachan]]
 
'S e deoch de mhìn-choirce ga chur mun cuairt ann an uisge fuar a th' ann am '''fuarag'''. 'S e an aon rud a bh' ann an '''deoch-gheal''' a bhite a' toirt dhan [[bò|bhò]].
 
'S e deoch de mhìn-choirce, salann agus uisge teth a th' ann an '''stiùrag'''. Tha e tana mar [[deoch-bhrochain|dheoch-bhrochain]], seach tiugh mar [[bruthaist|bhruthaist]].
 
== Iomraidhean ==