An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coirce"

Content deleted Content added
No edit summary
a' cur ris àireamh ISBN
Loidhne 15:
Tha '''aran-coirce''' no '''bonnach''' na bhiadh cumanta fhathast ann an Alba. 'S iomadh chomas a th' aca; thèid a ghabhail le [[brot]] an àite [[aran]], airson [[biadh na maidne]] le [[silidh]]. Is tric a tha daoine gan gabhail le càise, agus tha iad ri fhaicinn air clàran taighean-bidhe cuideachd. Tha aran-coirce air a dhèanamh de mhìn-choirce garbh, beagan [[geir]], [[salainn]], agus uisge teth. Thathar ga fhuine ann an [[àmhainn]], no ga bhruich air [[greideal]].
 
Tha caochladh tionndaidhean de dh' '''ULLAG'''. 'S e mìn-choirce tioram le [[siùcar]] a th' ann an '''ULLAG''' [[Siorrachd Rois]] an Iar <ref> '''Faclan is Abairtean à Ros an Iar''';Roy Wentworth </ref> a bhathas a' toirt do chloinn ''air an annas''. 'S e mìn-choirce ùr-bhleithte, measgaichte na dhorlach le [[uisge]], [[bainne]] no [[uisge-beatha]] a th' ann an ullag [[Gallaibh|Ghallaibh]], [[Cataibh|Chataibh]] agus [[Leòdhas|Leòdhais]]. Bhathas ga ghabhail gun a bhith ga fhuine idir. An dèidh sin agus na dhèidh, tha tionndadh eile air ullag. [[Sìol]] [[eòrna]] a bhathas a' [[caoineachadh]] ann am poit, cho luath 's a bha e air a bhuain, gus an robh e donn. Bhathar an uairsin ga bhleith air a' [[brà|bhrà]], a' cur uisge teth ris agus salainn.<ref> '''Faclair Gàidhlig gu Beurla Le Dealbhan''';Eideard Dwelly; Foillsichte le Gairm ISBN 1 84158 109 7</ref>
 
'S e mìn-choirce agus uachdar a th' ann an '''stapag-bharra'''; le [[siùcar]] air a chur ris uaireannan.