An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coirce"

Content deleted Content added
No edit summary
leudachadh
Loidhne 1:
'S e a th' ann an '''coirce'''(''avena sativa'') seorsa [[gràn]] no [[sìol]] a thathas a' fàs airson a' [[pòr|phòir]] aige. Thathar ga chur airson [[connlach]] do bheathaichean, (gu h-àraid [[crodh|sprèidh]] is [[each|eich]]), agus airson [[biadh]] a dhèanamh do dhaoine, mar eisimpleir mìn-choirce, no coirce air a phronnadh le inneal.
 
== Tùs ==
Loidhne 5:
Tha coirce an latha an-diugh (avena sativa) agus mion-bhàrr eile (Avena byzantina) a' buntainn do [[coirce-fiadhain|choirce-fiadhain]] (avena sterilis). Thathar dhen bheachd gun tàinig e à sgìre sa [[Am Meadhan-Ear|Mheadhan-Ear]], a' gabhail a-steach pàirt dhen [[An Èipheit|Èiphit]].
 
== Biadh is deoch ==
 
Bha coirce na phàirt bunaiteach ann an diathad traidiseanta muinntir na h-Alba, agus thathar ga chleachdadh fhathast ann an iomadh dòigh.
 
'''Min-choirce'''
 
'S iomadh bhiadh a bhathas a' dèanamh de mhìn-choirce.
 
Tha '''aran-coirce''' no '''bonnach''' na bhiadh cumanta fhathast ann an Alba. 'S iomadh chomas a th' aca; thèid a ghabhail le [[brot]] an àite [[aran]], airson [[biadh na maidne]] le [[silidh]]. Is tric a tha daoine gan gabhail le càise, agus tha sin ri fhaicinn air clàran taighean-bidhe cuideachd. Tha aran-coirce air a dhèanamh de mhìn-choirce garbh, beagan [[geir]], [[salainn]], agus uisge teth. Thathar ga fhuine ann an [[àmhainn]], no ga bhruich air [[greideal]].