An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Inneal-smùide"

Content deleted Content added
b Fo-tiotal & ceartachadh air da fhacal
Loidhne 3:
Is feart do stoth, gu bheil a thoirt aig teasad de 100°C agus bruthachd caighdeanachd (760mm Hg) mu 1400 uiread toirt an uisge aig a h-aon teasad.
 
== An t-Inneal Teine de NewcomeinNewcomen ==
 
[[image:Inneal Newcomein 20071112.jpeg|left|]]
Loidhne 13:
A chuir an inneal a’ ruith, fosgaileadh '''Coc an Stoith''', agus '''Coc an Doirteil (D)'''. Srùitheadh stoithe às a’''' ghoileir''' a steachd ris an t-siorcair agus bhruitheadh an stoth an adhair a mach as an t-siorcair. Nuair a nochdadh stoth aig sput an doirteil, dhuineadh an da choc agus fosgaileadh '''Coc an Uisge (U)''', a’ stealladh uisge fuar, mar ceo, a-steachd ris an siorcair.
Bhiodh an t-uisge a’fuaradh an stoth, ga dluthadh ri uisge anns a bhàd agus ag aobharachadh falamhantas anns an t-siorcair. An luib seo, bhiodh cuideam an aile air steallair an innil, ga thiomain sios.
Nuair a thigeadh an steallair ri ceann iochdar a shiubhail, duineadh U, agus fosgaileadh Coc an Stoithe a-rithis. Sruitheadh Stoth don an t-siorcair, a’ briseadh am falamhantas agus a’ leigeil steallair an-innil a dh’eirigh a-rithis. Nuair a bhiodh an t-inneal a’ dol, cha fosgaileadh coc an doirteil airson gach strac, ach bho àm gu àm fhosgaileadh e a leigeil às an t-uisge dluithte a bhiodh na cruinneachadh aig bun an t-siorcair. Aig toiseach an 18mh cheud cha robh an teicneòlas ann a dheanamh siorcair eagnaidh, mar sin bhiodh an steallair uidheamichte le clàr leathair air an taobh uachdarachd agus gleidheadh an seul eadar siorcair agus steallair le uisge air mun an leathair, chumadh uisge ri seul an steallaire tro coc '''S'''.
 
Tha e soillear, nach e bruthachd stoithe ach falamhantas a'dh obraicheas innealan mar seo, agus is e cuideam Slat an Taosgaire a dh'aobhraicheas stràc-iomain d’an taosgaire. Is e obair an innil fhein a thogail Slat an Taosgaire a-rithis airson an ath sràc-thaosgaidh.
 
Chuireadh a' chiad Inneal Newcomein an gniomh mu deidhinn 1712, rè an seachad bliadhna as deidh sin, mun do thuraich Seamus Bhatt inneal-stoith uidheamaichte le dluthadair fa-leth, thogadh cheudan dhaibh. Mhair ti neo dha ris an 20mh linn.
 
[[category:innleadaireachd]][[category:teicneòlas]][[category:fiosag]]