An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr na h-Eaglaise Brice (1746)"

Content deleted Content added
No edit summary
chuir mi beagan rithe
Loidhne 1:
Chuireadh '''Blàr na h-Eaglaise Brice''' air an 17mh dhen Fhaoilleachd 1746, air Monadh na h-[[Eaglais Bhreac|Eaglise Brice]] mu trì mìle an iar-dheas air a' bhaile. B' e seo an darna blàr an [[Na Seumasaich|Ar-a-mach nan Seumasach]], 1745-1746.
 
Bha am [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart]] an làthair, agus an t-arm aige fo chommand a' [[am Morair Seòras Moireach|Mhorair Sheòrais Mhoireach]]. 'S e an [[Seanailear Hawley]] a bha os cionn arm an riaghaltais, ris an canar arm [[an darna Rìgh Deòrsa|Rìgh Deòrsa]] no "an t-arm dearg".
 
==Na lean chun a' bhlàir==
Bho nach chaidh leotha air an triall a-staigh do Shasainn, dh'fheuch [[na Seumasaich]] ri [[Caisteal Sruighlea]] a ghlacadh. Dhaingneachadh seo an smachd a bh'aca air [[Alba]] air fad. Ach is math a bha fhios aca gun tigeadh feachd riaghaltais air an tòir rathad [[Dùn Èideann|Dhùn Èideann]], agus shuidhich iad iad fhèin - a chuid a bu mhotha dhiubh - sa choille mhòr an ear air [[Sruighlea]], a' feitheamh. San anmoch air an 16mh Faoilleachd, thàinig fios thuca gun do rinn feachd Hawley camp faisg air an [[Eaglais Bhreac]]. Làirne màireach, ghabh [[na Seumasaich]] comhairle-cogaidh agus chuir iad romhpa dhol na choinneamh.
 
==Am blàr==
Chaidh am blàr a chur ann am fìor dhroch shìde air ciaradh an fheasgair, ach bha [[am Morair Seòras Moireach|Moireach]] às dèidh an arm Seumasach a shuidheachadh gus am biodh a' ghaoth an-iar leotha. SheasBha Hawley gu math àrdanach na dhòigh agus cha chreideadh e gun rinneadh na Seumasaich ionnsaigh air marc-shluagh, mar sin cha robh a shaighdearan uile deiseil agus ann an òrdugh-batail; cha do ràinig a ghunnaichean mòra a-riamh. An toiseach a' bhlàir, sheas làimh dheas arm a' Phrionnsa - [[Clann Dòmhnaill]] - ri ionnsaigh a thugadh le marc-shluagh arm an riaghaltais. Nuair a thèich na ''dragoons'', chaidh a' chiad sreath dhen arm Seumasach air fad air adhart san [[an t-àm dol sìos|dol-sìos]] agus chaidh feachda chuid a bu mhotha de dh'fheachd Hawley a ruagadh, ged nach do ghèill corra reisimeidean air a làimh cheart. Cha b'fhada gus an robh [[Na Seumasaich|na Seumasaich]] air buaidh eile a thoirt air feachdan an riaghaltais.
 
==A bhuil==
Loidhne 25:
Latha Blàr na h-Eaglaise Brice".
 
==Tuilleadh Leughaidh - Gàidhlig==
==Further reading==
Mac Choinnich, Iain, ''Eachdraidh a' Phrionnsa, no Bliadhna Theàrlaich'', Alasdair Gardner, Paislig (Ath-chlò-bhualadh 1906)
 
==Tuilleadh Leughaidh - Beurla==
Tomasson, Katherine & Buist, Francis, "Battles of the '45", Pan Books (1967)
 
[[Category:Eachdraidh na h-Alba]]