An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr na h-Eaglaise Brice (1746)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
Chuireadh '''Blàr na h-Eaglaise Brice''' air an 17mh dhen fhaoilleachdFhaoilleachd 1746, air Monadh na h-Eaglise Brice mu trì mìle an iar-dheas air a' bhaile. B' e seo an darna blàr an [[Na Seumasaich|Ar-a-mach nan Seumasach]], 1745-1746.
 
Bha am [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart]] an làthair, agus an t-arm aige fo chommand a' [[am Morair Seòras Moireach|Mhorair Sheòrais Mhoireach]]. 'S e an [[Seanailear Hawley]] a bha os cionn arm an riaghaltais, ris an canar arm [[an darna Rìgh Deòrsa|Rìgh Deòrsa]] no "an t-arm dearg".
 
==Na lean chun a' bhlàir==
Bho nach chaidh leotha air an triall a-staigh do Shasainn, dh'fheuch [[na Seumasaich]] ri [[Caisteal Sruighlea]] a ghlacadh. Dhaingneachadh seo an smachd a bh'aca air [[Alba]] air fad. Ach is math a bha fhios aca gun tigeadh feachd riaghaltais air an tòir rathad [[Dùn Èideann|Dhùn Èideann]], agus shuidhich iad iad fhèin - a chuid a bu mhotha dhiubh - sa choille mhòr an ear air [[Sruighlea]], a' feitheamh. San anmoch air an 16mh Faoilleachd, thàinig fios thuca gun do rinn feachd Hawley camp faisg air an Eaglais Bhreac. Làirne màireach, ghabh [[na Seumasaich]] comhairle-cogaidh agus chuir iad romhpa dhol na choinneamh.
 
==Am blàr==