An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Prionnsa Teàrlach Stiùbhart"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 19:
Air an naoidheamh latha deug dhen Lùnastal, chaidh bratach rìoghail nan [[Rìghrean na h-Alba#Na Stùbhartaich|Stiùbhartach]] a thogail ri crann ann an [[Gleann Fhionghain]]. Ghluais [[na Seumasaich]] chun an ear gun dàil agus ràinig iad [[Coire Ghearraig]] ach cha robh sgeul air na [[Tigh Rìoghail Hanobhair|Hanobharianaich]]. Ràinig iad [[Peairt]] agus an sin chaidh am Prionnsa a ghairm na Rìgh an àite athair, [[Rìgh Seumas VIII na h-Alba agus III Shasainn|Rìgh Seumas VIII]].
 
Ràinig iad [[Dùn Èideann]] agus bha am baile sin aca gun strì sam bith, agus bha mòran sa bhaile deònach fàilte a chur air Teàrlach. Mu dheireadh, choinnich [[na Seumasaich]] ri na [[Tigh Rìoghail Hanobhair|Hanobharianaich]]. Air 21mh Sultain aig [[Blàr Sliabh a' Chlamhain]], goirid às dèidh briseadh-latha madainn foghair, chaidh an t-arm dearg, leleis [[An Seanalair Iain Cope|an t-seanalair Iain Cope]] aig an ceann, a ruagadh.
 
====A-staigh do Shasainn====