An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Na Seumasaich"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 5:
Chog luchd-leantainn Tigh Rìoghal nan Stiùbhartach ri luchd-leantainn Tigh Rìoghail Hanobhair, a thug Crùn Bhreatainn bhuapa san [[Ar-a-mach Ghlòrmhoir]], [[1688]].
 
Ged a bha mòran uaislean am Breatainn air fad nan Seumasaich, 's ann an [[Alba]] a dh'èirich a h-uile ar-a-mach - ann an [[1689]][[1690|-90]], [[1715]], [[1719]] agus [[1745]][[1746|-46]]. Bhiodh na Seumasaich a' cur mòran sùim sna fineachan Gàidhealach, agus bha e nas fhasa dhaibh feachd armaichte a chruinneachadh air [[Gàidhealtachd na h-Alba]] airson adhbharan co-cheangailte ri cruth na tìre, eachdraidh sòisealta - gu seachd àraid an cumachd a bh'aig na [[ceann-cinnidh|cinn-cinnidh]] agus an cuid [[fear-taic|fir-taic]] - agus dìth smachd an riaghaltas sna glinn.
 
Ged a bha na rìghrean seo (agus [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart]], mac an ochdamh Rìgh Sheumais), nam Pàpanaich, bha a chuid a bu mhotha dhen luchd-leantainn aca an Alba nan [[an Eaglais Easbaigeach|easbaigich]]. Sa chumantas cha b' e adhbhar creidimh idir a thug air luchd-taic nan Seumasach èirigh.