An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair mac Mhaighstir Alasdair"

Content deleted Content added
A' cur bhrisidhean-loidhne a-steach
No edit summary
Loidhne 5:
Ann an 1738 bha Alasdair a' teagasg ann an Cille Chomhghain agus ann an 1739 ann an Coire Mhuilinn, far an do rinn e an dàn ainmeil aige, 'Allt an t-Siùcair'. Ann an 1741 dh'fhoillsich e [[faclairean Gàidhlig|faclair Gàidhlig]], a' chiad leabhar clò-bhuailte a nochd bho thùs ann an [[Gàidhlig]] na h-Alba a-riamh.
 
Ann an 1745 chuir Alasdair a chùl ri teagasg agus rinn e air Gleann Fhìonain far an do chuir [[Teàrlach_Eideard_Stiùbhairt|Teàrlach Òg Stiùbhairt]] a bhratach ri crann. 'S ann mun àm sin no beagan roimhe a bha Alasdair air tionndadh ri Eaglais na Ròimhe agus ghabh e ri arm a' Phrionnsa mar oifigear an rèisimeid Raghnaill Oig, [[Mac Mhic Ailein]]. Rinn e tòrr òran brosnachaidh [[na Seumasaich|Seumasach]] mun àm seo, leithid 'Oran nam Fineachan', 'Brosnachadh nam Fineachan', 'Òran don Phrionnsa Teàrlach ('O hi ri rì, tha e tighinn') agus 'Clò Mhic 'Ille Mhìcheil', agus aoir air luchd-taice Rìghrean [[Taigh Rìoghail Hanobhair|Hanòbhair]]. Tha cuid a' creidsinn gur e a sgrìobh tràchdas anns a' Bheurla a nochd gun urra goirid as dèidh [[Blàr_Chùil_Lodair|Bhlàr Chùil-Lodair]] ag innse stòiridh [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart#Bliadhna a' Phrionnsa|Bhliadhna Theàrlaich]] tro shùilean 'Oifigich Ghàidhealaich' an arm a' Phrionnsa.
 
As dèidh Bhlàr Chùil-Lodair bha Alasdair agus a bhean fon choill; tha beul-aithris ag innse gun robh Sìne trom aig an àm. Mu dheireadh fhuair Alasdair seilbh air baile fearainn aig Eigneig ann am [[Muideart|Mùideart]] agus rinneadh na bhàillidh e air [[Canaigh|Eilean Chanaigh]], a bha cuideachd na phàirt de dh'oighreachd Chlann Raghnaill.