An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr na h-Eaglaise Brice (1746)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 5:
Bho nach chaidh leotha air an triall a-staigh do Shasainn, dh'fheuch [[na Seumasaich]] ri [[Caisteal Sruighlea]] a ghlacadh. Dhaingneachadh seo an smachd a bh'aca air [[Alba]] air fad. Ach is math a bha fhios aca gun tigeadh feachd riaghaltais air an tòir rathad [[Dùn Èideann|Dhùn Èideann]], agus shuidhich iad iad fhèin - a chuid a bu mhotha dhiubh - sa choille mhòr an ear air [[Sruighlea]], a' feitheamh.
 
Chaidh am blàr a chur ann am fìor dhroch shìde air ciaradh an fheasgair, ach bha [[am Morair Seòras Moireach|Moireach]] às dèidh an arm Seumasach a shuidheachadh gus am biodh a' ghaoth an-iar leotha. Sheas làimh dheas arm a' Phrionnsa - [[Clann Dòmhnaill]] - ri ionnsaigh a thugadh le marc-shluagh arm an riaghaltais. Nuair a thèich na ''dragoons'', chaidh a' chiad sreath dhen arm Seumasach air fad air adhart san [[an t-àm dol sìos|dol-sìos]] agus chaidh feachd Hawley a ruagadh, ged nach do ghèill corra reisimeidean air a làimh cheart. Cha b'fhada gus an robh [[Na Seumasaich|na Seumasaich]] air buaidh eile a thoirt air feachdan an riaghaltais; ged-tà cha do ghlac iad [[Caisteal Sruighlea]], agus bha aca ri leantainn orra a' màrsail gu tuath às a dhèidh.
 
Am measg na bha an sàs air taobh Rìgh Dheòrsa bha [[Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir]], am bàrd, is e na fhear de [[a' Mhailisi|Mhailisi]] [[Earra-ghaidheal|Earra-ghaidheil]].