An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr na h-Eaglaise Brice (1746)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 3:
Bha am [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart]] an làthair, agus an t-arm aige fo chommand a' [[am Morair Seòras Moireach|Mhorair Sheòrais Mhoireach]]. 'S e an [[Seanailear Hawley]] a bha os cionn arm an riaghaltais, ris an canar arm [[an darna Rìgh Deòrsa|Rìgh Deòrsa]] no "an t-arm dearg".
 
Bho nach chaidh leotha air an triall a-staigh do Shasainn, dh'fheuch [[na Seumasaich]] ri [[Caisteal Sruighlea]] a ghlacadh. Dhaingneachadh seo an smachd a bh'aca air [[Alba]] air fad. Ach is math a bha fhios aca gun tigeadh feachd riaghaltais air an tòir rathad [[Dùn Èideann|Dhùn Èideann]], agus shuidhich iad iad fhèin - a chuid a bu mhotha dhiubh - sa choille mhòr an ear air [[Sruighlea]], a' feitheamh.
 
Chaidh am blàr a chur ann am fìor dhroch shìde air ciaradh an fheasgair, ach bha [[am Morair Seòras Moireach|Moireach]] às dèidh an arm Seumasach a shuidheachadh gus am biodh a' ghaoth an-iar leotha. Sheas làimh dheas arm a' Phrionnsa - Clann Dòmhnaill - ri ionnsaigh a thugadh le marc-shluagh arm an riaghaltais. Nuair a thèich na ''dragoons'', chaidh a' chiad sreath dhen arm Seumasach air fad air adhart san [[an t-àm dol sìos|dol-sìos]] agus chaidh feachd Hawley a ruagadh, ged nach do ghèill corra reisimeidean air a làimh cheart. Cha b'fhada gus an robh [[Na Seumasaich|na Seumasaich]] air buaidh eile a thoirt air feachdan an riaghaltais; ged-tà cha do ghlac iad Caisteal Sruighlea, agus bha aca ri leantainn orra a' màrsail gu tuath às a dhèidh.