An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr na h-Eaglaise Brice (1746)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
Chuireadh '''Blàr na h-Eaglaise Brice''' air an 17mh dhen fhaoilleachd 1746, air Monadh na h-Eaglise Brice mu trì mìle an iar-dheas air a' bhaile. B' e seo an darna blàr an [[Na Seumasaich|Ar-a-mach nan Seumasach]], 1745-1746.
 
Bha am [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart]] an làthair, agus an t-arm aige fo chommand a' [[am Morair Seòras Moireach|Mhorair Sheòrais Mhoireach]]. 'S e an [[Seanailear Hawley]] a bha os cionn arm an riaghaltais, ris an canar arm [[an darna Rìgh Deòrsa|Rìgh Deòrsa]] no "an t-arm dearg".
 
Chaidh am blàr a chur ann am fìor dhroch shìde air ciaradh an fheasgair, ach bha [[am Morair Seòras Moireach|Moireach]] às dèidh an arm Seumasach a shuidheachadh gus am biodh a' ghaoth an-iar leotha. Sheas làimh dheas arm a' Phrionnsa - Clann Dòmhnaill - ri ionnsaigh a thugadh le marc-shluagh arm an riaghaltais. Nuair a thèich na ''dragoons'', chaidh a' chiad sreath dhen arm Seumasach air fad air adhart san [[an t-àm dol sìos|dol-sìos]] aca agus chaidh feachd Hawley a ruagadh, ged nach do ghèill corra reisimeidean air a làimh cheart. Cha b'fhada gus an robh [[Na Seumasaich|na Seumasaich]] air buaidh eile a thoirt air feachdan an riaghaltais; ged-tà bha aca ri leantainn orra a' màrsail gu tuath às a dhèidh.
Thug [[Na Seumasaich|na Seumasaich]] buaidh eile air feachdan an riaghaltais, ged-tà bha aca ri leantainn orra a' màrsail gu tuath às a dhèidh.
 
Am measg na bha an sàs air taobh Rìgh Dheòrsa bha [[Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir]], am bàrd, is e na fhear de [[a' Mhailisi|Mhailisi]] [[Earra-ghaidheal|Earra-ghaidheil]].