An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr Sliabh a' Chlamhain"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
Chaidh am blàr seo a chur tràth sa mhadainn air an 21mh dhen t-Sultain 1745, faisg air Tranent an [[Lodainn an Ear]], [[Alba]]. B'e seo a' chiad bhlàr an [[Na Seumasaich|Ar-a-mach nan Seumasach]], 1745-1746.
 
B'iad an luchd-cogaidh na Seumasaich, leis a' [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart|Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart]] aig an ceann agus fo chommand a' [[am Morair Seòras Moireach|Mhorair Sheòrais Mhoireach]] agus Dìuc Pheart; agus feachd Riaghaltas Bhreatainn an Alba, fo chommand an t-[[Seanailear Cope]].
 
Bha Cope air adbhanns a dhèanamh chun na h-àirde an-iar bho Dunbar; bhaagus am feachd Seumasach ga fheitheamh an [[Dùn Èideann]].
 
Thug arm a' phrionnsa ionnsaigh garg air feachdan an riaghaltais goirid às dèidh briseadh-latha; bha iad a'dol le bruthach, agus bhris an [[an t-àm dol sìos|dol-sìos]] aca loidhnichean an airm deirge ann am beagan mhionaidean. Bha call mòr am measg saighdearan [[an darna Rìgh Deòrsa|Rìgh Deòrsa]], agus chaidh an ruagadh le [[na Seumasaich]].
 
[[category:Alba]]