An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coinneach Odhar"

Chaidh 12 bhaidht a chur ris ,  14 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
b
Am measg taibhsearan na Gaidhealtachd b' e Coinneach Odhar Fiosaiche a b' ainmeile. Bha urram aig Coinneach mar fhàidh na dhùthaich fhèin oir bha a chliù mar fhiosaiche air a chraobh-sgaoileadh air fad an Taoibh Tuath, agus eadhon an-diugh cluinnear gu tric iomradh air na rudan neo-àbhaisteach a labhair e.
 
Cha robh eòlas aig daoine air ach o bheul-aithris ach chaidh iomradh fhaighinn air ann an eachdraidh. Bha seo ann an seann phàipear a bha air a sgrìobhadh ann an Laideann, leis an luchd-riaghlaidh, anns a' bhliadhna [[1577]], mu àm Rìgh [[Seumas VI]].
 
Tha Coinneach air ainmeachadh anns a' phàipear seo mar Keonoch Owir, fìor dhraoidh. Tha ùghdarras bhon Chrùn air a thoirt do shiorram Chrombaidh a chur an sàs airson na h-obrach chronail ris an canadh iad an Sgoil-dubh. Faodaidh e a bhith gun d' fhuair am Fiosaiche droch ainm airson rudan de nach robh e ciontach, ach a rèir lagha nan làithean ud, bha luchd-draoidheachd air an cur gu bàs, ged nach eil fhios againn ciamar a chaidh do Choinneach.
 
Co-dhiù, chan eil e coltach gun deach a chliù càil na bu lugha am measg an t-sluaigh aig an àm, no an dèidh sin. Seach gun tàinig na sgeulachdan eile a tha againn mu Choinneach a-nuas tro na linntean le beul-aithris, bha cunnart ann gun deigheadh mòran a chur riutha. Feumar aideachadh cuideachd gu bheil mòran den fhàisneachd a tha air a h-ainmeachadh air Coinneach glè choltach ri fàisneachd Tomas nan Rann, fiosaiche ainmeil eile a bhuineadh don Ghalldachd, agus a bha beò ri linn Rìgh [[Alasdair III]], mu thrì cheud bliadhna ro àm Choinnich.
 
Bhiodh na Gaidheil eudmhor mu chliù am fàidhe fèin, agus is dòcha gun cuireadh iad facail le Tomas ann am beul Choinnich.
66

deasachadh