An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Port Bhruachaidh"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 4:
 
[[Image:BroughtyCastleEvening.jpg|thumb|right|280px|Caisteal Bhruaich Tatha]]
 
== Eachdraidh ==
 
Tha fianais ann air tuineachadh daonna bho chionn an linn ro-eachdraidheil agus dh'fhàs e gu bhith na bhaile iasgaich 's muc. B' e dachaigh Barain Gnìomhachas mòr an [[Diut]] san 19mh linn, agus èigheadh air "am mìle ceàrnagach as beartaiche s[[an Roinn-Eòrpa]]" aig an àm sin.
Line 12 ⟶ 14:
 
Chaidh [[bàta-teasairginn]] a' bhaile, [[Bàta-teasairginn Mona]], a chall san Dùbhlachd, 1959 leis a h-uile neach a bh' air bòrd, 's iad a' feuchainn ri [[long]] a bha [[eadar-dha-leann]] a shàbhaladh.
 
 
== Taighean-seinnse ==
 
Tha meadhan a' bhaile làn taighean-seinnse, tòrr dhiubh aig a bheil deagh chliù, agus a tha a' toirt seachad biadh, a bharrachd air deoch. Chan e ach mìle ceàrnagach a th' ann am meud meadhan a' bhaile, agus gheibhear co-dhiù 15 taighean-seinnse na bhroinn, aon no dhà air gach sràid, agus gun ach mionaid no 30 diogan a thìde de chois eatorra. A-measg an fheadhainn as aosta, tha "The Fisherman's Tavern", "The Ship Inn" agus "The Royal Anchor". Tha Fèis Leanna a' tachairt ann gach samhradh ann an cuid de na taighean-seinnse, ach gheibhear an cothrom beòir is leann àraid bho air feadh na h-Alba òl fad na bliadhna anns "The Fisherman's Tavern".