An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Biadh Seapanach"

Content deleted Content added
+ Category,+cànanan eile
Loidhne 1:
== Dòigh-ithe nan IapannachIapanach ==
 
 
Bhon a thòisich dòigh-beatha a' mhòr-shluaigh air atharrachadh gu mòr fada dhen 1950an, thugadh a' bhuaidh sin air [[dòigh-ithe]] nan [[IapannachIapanach]] cuideachd.
 
Ron [[An Dàrna Cogadh|dàrna cogadh]], bhiodh a h-uile IapannachIapanach a' gabhail [[rìs]] mar bhunait, le [[iasg]] 's [[glasraich]] ùra, [[brot]] [[miso]] agus [[picealan]] eugsamhail an cois. An dèidh a' chogaidh, b' e [[aran]] a thàinig a-steach gu loindsichean-sgoile agus thug sin buaidh air cleachdaidhean dòigh-ithe a' mhòr-shluaigh san fharsaingeachd. Bidh daoine an-diugh ag ithe tuilleadh [[feòil|fheòil]], [[uighean]] agus [[bathar bainne]].
 
Tha trì tràth san latha am bitheantas agus 's e [[biadh-feasgair]] an tràth as motha mar as trice. Bhon a tha an dùthaich a' soirbheachadh cho mòr, tha caochladh seòrsachan bìdh ri fhaighinn agus fiù 's anns an dachaigh fhèin, thathar a' cheart cho buailteach biadh [[Sìneach]] no à Dùthchannan an Iar fhaicinn air a' bhòrd ri biadh [[Iapan|Iapain]] fhèin.
 
Leis cho saor is a tha e a dhol a-mach a dh' ithe, 's ann a bhios mòran daoine a' dèanamh sin fhèin a h-uile latha, seach na bhith deasachadh bìdh aig an dachaigh. Gheibhear a h-uile seorsa bìdh a-muigh: biadh IapannachIapanach mar [[Sushi]], [[Tempura]], [[Udon]], [[Soba]] agus [[Nimono]]; a thuilleadh air biadh [[Eadailteach]], [[Sìneach]], [[ChoirèaCoireanach]], [[ThaiTài]], agus iomadh bhiadh eadar-nàiseanta eile.
 
[[category:Biadh]]