An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Port Bhruachaidh"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
B' e baile iasgaich leis fhèin a bh' ann am '''Bruach Tatha'''('''Brochtie''' sa [[a' Bheurla Ghallda|Bheurla Gallda]]), a tha a-nis na phàirt de [[Dùn Dèagh|Chathair Dhùn Dèagh]], suidhichte air oir an ear na cathrach sin, air cladach [[Linne Tatha]], air taobh ear na h-[[Alba]]. Canaidh muinntir a' bhaile ''The Ferry'' ris, agus 's e '''Broughty Ferry''' an t-ainm a th' air sa Bheurla. Tha pàirtean dhen bhaile seo mar [[iomall-bhaile]] Dhùn Dèagh, ach tha meadhan a' bhaile fhathast a' glèidheadh an dualchas aige fhèin, a thaobh coltas agus faireachdainn. Tha a h-uile coltas ann gur e '''Bruach Tatha''' an t-ainm a bh' air an àite seo bho thùs, agus gur ann à sin a thàinig '''Brocht-Brochtie''' is an uairsin '''Broughty''' sa [[Beurla|Bheurla]]. B'e [[borgh]] neo-eisimileach a bh' ann am Bruach Tatha bho 1864 gus an deach a thoirt a-steach guann am [[Borgh Rìoghail]] Dhùn Dèagh ann an 1913.