An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jim MacGilleEathain"

Content deleted Content added
Loidhne 77:
Bhathas ag ràdh gun robh MacGilleEathain a' gabhail tuilleadh 's a chòir suim ann an gnothaichean an sgioba bhon a leig e dheth dreuchd a' mhanaidsear, agus dh'fhaoidte gum b'e seo na shamhla air cho mòr 's a bha e a' mionnach air làithean an t-soirbheis a thoirt air ais gu club a ghaoil a-rithist. 'S mathaid gur e bacadh a bh' ann an seo do chuid de mhanaidsearan, cuideam a bharrachd orra bho phearsa mhòr seann-sgeulach a' chlub a ghiùlan. Bhathas a' cur iongnadh air daoine nuair a thug MacGilleEathain, 's e na chathraiche, dreuchd a' mhanaidsear do a bhràthair, Tommy ann an 1996, beagan làithean an dèidh dha obair ùr manaidsear [[Raith Rovers]] thòiseachadh. Sheas na rinn e ris ge-tà, oir thug Tommy an club bho raon a' relegation dhan 3mh àite, air ais ann an Eòrpa 's gu cuairt dheireannach [[Cupa an Lìog]] san ràith a lean. Nuair a leig Tommy dheth a dhreuchd san t-Sultain 1998, bha cuid teagmhach air co-dhiù bha an sreath de dhroch thoraidhean a bh' aige bho chionn ghoirid, na aon-adhbhar dha fhàgail.
 
Bha cuid de luchd-leantainn Aonaichte ag iomairt san leth mu dheireadh de na 90an, ach an cuireadhgus MacGilleEathain agus co-bhuill a' bhùird a chur à rèim a' chlub aig deireadh na naochadan, le sùil ri ath-bheòthachadh a' chlub. Gidheadh, thabha cuid mhath den luchd-leantainn ann a bha daonnan a' cumail dìleas do Mhic'illeathain.
 
 
== Leigeil dheth ==