An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jim MacGilleEathain"

Content deleted Content added
Loidhne 60:
Stiùir MacGilleEathain an sgioba aige gu buaidh ann an [[Cupa an Lìog]] san Dùbhlachd, 1979 's ga ghlèidheadh a-rithist bliadhna as a dhèidh sin. Bha MacGilleEathain a' cosnadh cliù dhan chlub san Roinn-Eòrpa beag air bheag, air dhaibh tighinn gu n-inbhe ann am ball-coise na h-Alba. Rinn iad an gnothach le dèanadas drùidhteach air sgiobannan leithid [[AS Monaco]], [[Borussia Mönchengladbach]], [[PSV Eindhoven]], [[Anderlecht]] agus [[Werder Bremen]]. Fhreagair an stoidhle bac-ionnsaigh, a bha e fhèin air dhealbhachadh, an ìre sin gu mòr.
 
== Na 80an, agus SoirbheachasSoirbheas ==
 
Ged a bha MacGilleEathain air an club a thoirt air adhart gu mòr, cha robh mòran am beachd gun tugadh iad buaidh ann an Urram a' Phrìomh Roinn; a thuilleadh air an [[Old Firm]], bha sgioba [[Alex MacFhearghais]], [[Obar Dheathain]], a' fàs mòr cuideachd.
Loidhne 69:
 
An dèidh don sgioba aige an Lìog a bhuannachadh ann an 1983, thug iad an ciad theachd a-mach ann an [[Cupa na h-Eòrpa]]. 'S ann a thug rang-eòlas bac-ionnsaigheach Mhic'illeathain, còmhla ri stoidle teannachail a-mach toraidhean math ainmeil ann an iomairt Eòrpach na bliadhna sin. Mhisnich MacGilleEathain an sgioba aige gu iar-chuairt dheireannach farpais na bliadhna sin, 's cha b' e ach breabadh-peanais a chuir stad orra àite fhaighinn sa chuairt deireannach. Thug MacGilleEathain Aonaichte gu cuairt dheireannach Eòrpach mu dheireadh thall trì bliadhna as a dhèidh sin - [[Cupa UEFA]] an turas seo.
Leanadh MacGilleathain air, a' socrachadh inbhe àrd Aonaichte ann am ball-coise na dùthcha, gun a bhith a' crìochnachadh fon cheithir clubaichean a b' àirde ach aon turas a-mhàin. Thug e an sgioba gu còig a bharrachd cuairtean dheireannaich [[Cupa na h-Alba]], ach gu mì-fhortanach, dh' fhairtlich air an sgioba aige a stiùireadh seachad air an ceum mu dheireadh.
 
== Air cùlaibh gnothaichean ==