An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jim MacGilleEathain"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 70:
An dèidh don sgioba aige an Lìog a bhuannachadh ann an 1983, thug iad an ciad theachd a-mach ann an [[Cupa na h-Eòrpa]]. 'S ann a thug rang-eòlas bac-ionnsaigheach Mhic'illeathain, còmhla ri stoidle teannachail a-mach toraidhean math ainmeil ann an iomairt Eòrpach na bliadhna sin. Mhisnich MacGilleEathain an sgioba aige gu iar-chuairt dheireannach farpais na bliadhna sin, 's cha b' e ach breabadh-peanais a chuir stad orra àite fhaighinn sa chuairt deireannach. Thug MacGilleEathain Aonaichte gu cuairt dheireannach Eòrpach mu dheireadh thall trì bliadhna as a dhèidh sin - [[Cupa UEFA]] an turas seo.
Leanadh MacGilleathain air, a' socrachadh inbhe àrd Aonaichte ann am ball-coise na dùthcha, gun a bhith a' crìochnachadh fon cheithir clubaichean a b' àirde ach aon turas a-mhàin. Thug e an sgioba gu còig a bharrachd cuairtean dheireannaich [[Cupa na h-Alba]], ach gu mì-fhortanach, dh' fhairtlich air an sgioba aige a stiùireadh seachad air an ceum mu dheireadh.
 
== Air cùlaibh gnothaichean ==
 
Chòmharraich bòrd Dhùn Dèagh Aonaichte mar cho mòr 's a bha iad am fiachaibh Jim MacGilleEathain, le bhith ga dhèanamh na stiùiriche ann an 1984; chaidh e na chathraiche agus na stiùiriche riaghlaidh ceithir bliadhna an dèidh seo. Bha e a' glèidheadh nan co-dhleastanasan sin gus an do dh' fhàg e dreuchd a' mhanaidsear san Iuchair, 1993, as dèidh linn mhòr fhada de 21 bliadhnaichean agus seachd mìosan. Mhair e na chathraiche air feadh nan 1990an.
 
Bhathas ag ràdh gun robh MacGilleEathain a' gabhail tuilleadh 's a chòir suim ann an gnothaichean an sgioba bhon a leig e dheth dreuchd a' mhanaidsear, agus dh'fhaoidte gum b'e seo na shamhla air cho mòr 's a bha e a' mionnach air làithean an t-soirbheis a thoirt air ais gu club a ghaoil a-rithist. 'S mathaid gur e bacadh a bh' ann an seo do chuid de mhanaidsearan, cuideam a bharrachd orra bho phearsa mhòr seann-sgeulach a' chlub a ghiùlan. Bhathas a' cur iongnadh air daoine nuair a thug MacGilleEathain, 's e na chathraiche, dreuchd a' mhanaidsear do a bhràthair, Tommy ann an 1996, beagan làithean an dèidh dha obair ùr manaidsear [[Raith Rovers]] thòiseachadh. Sheas na rinn e ris ge-tà, oir thug Tommy an club bho raon a' relegation dhan 3mh àite, air ais ann an Eòrpa 's gu cuairt dheireannach [[Cupa an Lìog]] san ràith a lean. Nuair a leig Tommy dheth a dhreuchd san t-Sultain 1998, bha cuid teagmhach air co-dhiù bha an sreath de dhroch thoraidhean a bh' aige bho chionn ghoirid, na aon-adhbhar dha fhàgail.
 
Bha cuid de luchd-leantainn Aonaichte ag iomairt san leth mu dheireadh de na 90an, ach an cuireadh MacGilleEathain agus co-bhuill a' bhùird à rèim a' chlub, le sùil ri ath-bheòthachadh a' chlub. Gidheadh, tha cuid mhath den luchd-leantainn ann a bha daonnan a' cumail dìleas do Mhic'illeathain.