An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jim MacGilleEathain"

Content deleted Content added
Loidhne 58:
Bha toradh poileasaidh òigridh Mhic'illeathain ri fhaicinn, agus bha grunn cluicheadairean math òg a' togail an cinn a-nis. Chuir MacGilleEathain roimhe gum bu chòir dhan sgioba aige a bhith a' gabhail os làimh dùbhlan Urram an Lìog ann an 1978-79. Cha b' e seo club a bha riamh comasach air farpais mòr a ghlèidheadh, 's iad fada beò fo sgàil a' chlub co-stritheach aca, seann fhasdaichean Mhic'illeathain, [[Club ball-coise Dùn Dèagh|Dùn Dèagh]]; ach an dèidh crìoch truagh sa chiad ràith den Phrìomh Roinn ùr , thòisich Aonaichte air dearbhadh gur dh'fhaoidte gum biodh e an comas dhaibh urraman na dùthcha a ghlèidheadh.
 
Stiùir MacGilleEathain an sgioba aige gu buaidh ann an [[Cupa an Lìog]] san Dùbhlachd, 1979 's ga ghlèidheadh a-rithist bliadhna as a dhèidh sin. Bha MacGilleEathain a' cosnadh cliù dhan chlub san Roinn-Eòrpa beag air bheag, air dhaibh tighinn gu n-inbhe ann am ball-coise na h-Alba. Rinn iad an gnothach le dèanadas drùidhteach air sgiobannan leithid [[AS Monaco]], [[Borussia Mönchengladbach]], [[PSV Eindhoven]], [[Anderlecht]] agus [[Werder Bremen]]. Fhreagair an stoidhle bac-ionnsaigh, a bha e fhèin air dhealbhachadh, dhanan ìre sin gu mòr.
 
 
== Na 80an, agus Soirbheachas ==