An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jim MacGilleEathain"

Content deleted Content added
Loidhne 69:
 
Thug [[Rangers]], a bh' air a dhol bho rath sna beagan bliadhnaichean a chaidh roimhe, tairgse dha dreuchd a' mhanaidsear a ghabhail aig [[Ibrox]]. 'S ann a ghabh MacGilleEathain an sàs ann an còmhradh leis a' chlub mòr seo à [[Glaschu]], ach 's e na bha a' cur dragh air, am poileasaidh aig Rangers gun Chaitligich fhastadh. Am barail Mhic'illeathain, b' e bacadh gòrach a bh' anns a' phoileasaidh sin do dh' fhastaiche sam bith, 's e fhèin air iomadh Chaitligeach comasach fhastadh do [[Dùn Dèagh Aonaichte|Dhùn Dèagh Aonaichte]]. Ged a chaidh cathraiche Rangers an ràthan gun cuireadh am poileasaidh seachad nan gabhadh e ris an dreuchd, chuir MacGilleEathain roimhe gun robh e sàsaichte aig Aonaichte, 's an teaglach aige suidhichte sona ann am [[Bruach Tatha]], [[Dùn Dèagh]]. Dhiùlt MacGilleEathain tairgse eile à [[Newcastle United]] san Òg-mhios, 1984.
 
An dèidh don sgioba aige an Lìog a bhuannachadh ann an 1983, thug iad an ciad theachd a-mach ann an [[Cupa na h-Eòrpa]]. 'S ann a thug rang-eòlas bac-ionnsaigheach Mhic'illeathain, còmhla ri stoidle teannachail a-mach toraidhean math ainmeil ann an iomairt Eòrpach na bliadhna sin. Mhisnich MacGilleEathain an sgioba aige gu iar-chuairt dheireannach farpais na bliadhna sin, 's cha b' e ach breabadh-peanais a chuir stad orra àite fhaighinn sa chuairt deireannach. Thug MacGilleEathain Aonaichte gu cuairt dheireannach Eòrpach mu dheireadh thall trì bliadhna as a dhèidh sin - [[Cupa UEFA]] an turas seo.
Leanadh MacGilleathain air a' socrachadh inbhe àrd Aonaichte ann am ball-coise na dùthcha, gun a bhith a' crìochnachadh fon cheithir clubaichean as àirde ach aon turas a-mhàin. Thug e an sgioba gu còig a bharrachd cuairtean dheireannach [[Cupa na h-Alba]], ach gu mì-fhortanach, dh' fhairtlich air an sgioba aige a stiùireadh seachad air an ceum mu dheireadh.