An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jim MacGilleEathain"

Content deleted Content added
Loidhne 60:
 
Stiùir MacGilleEathain an sgioba aige gu buaidh ann an [[Cupa an Lìog]] san Dùbhlachd, 1979 's ga ghlèidheadh a-rithist bliadhna as a dhèidh sin. Bha MacGilleEathain a' cosnadh cliù dhan chlub san Roinn-Eòrpa beag air bheag, air dhaibh tighinn gu n-inbhe ann am ball-coise na h-Alba. Rinn iad an gnothach le dèanadas drùidhteach air sgiobannan leithid [[AS Monaco]], [[Borussia Mönchengladbach]], [[PSV Eindhoven]], [[Anderlecht]] agus [[Werder Bremen]]. Fhreagair an stoidhle bac-ionnsaigh, a bha e fhèin air dhealbhachadh, dhan ìre sin gu mòr.
 
 
== Na 80an, agus Soirbheachas ==
 
Ged a bha MacGilleEathain air an club a thoirt air adhart gu mòr, cha robh mòran am beachd gun tugadh iad buaidh ann an Urram a' Phrìomh Roinn; a thuilleadh air an [[Old Firm]], bha sgioba [[Alex MacFhearghais]], [[Obar Dheathain]], a' fàs mòr cuideachd.
 
Rinn sgioba Mhic'illeathain, a bha gu ìre mhòr ionadail, dìreach sin ge-tà ann an 1983, a' faighinn a' bhuannachd às ruith mhath, fada dhen ràith, a dh' fhàg na clubaichean eile sin air an deireadh, agus a' cluich ball-coise ionnsaigheach mòr-mhùirneach aig an aon àm. Bha MacGilleEathain ag obair na neach-cuideachaidh do [[Jock Stein]] mar mhanaidsear na h-Alba aig an àm sin cuideachd.
 
Thug [[Rangers]], a bh' air a dhol bho rath sna beagan bliadhnaichean a chaidh roimhe, tairgse dha dreuchd a' mhanaidsear a ghabhail aig [[Ibrox]]. 'S ann a ghabh MacGilleEathain an sàs ann an còmhradh leis a' chlub mòr seo à [[Glaschu]], ach 's e na bha a' cur dragh air, am poileasaidh aig Rangers gun Chaitligich fhastadh. Am barail Mhic'illeathain, b' e bacadh gòrach a bh' anns a' phoileasaidh sin do dh' fhastaiche sam bith, 's e fhèin air iomadh Chaitligeach comasach fhastadh do [[Dùn Dèagh Aonaichte|Dhùn Dèagh Aonaichte]]. Ged a chaidh cathraiche Rangers an ràthan gun cuireadh am poileasaidh seachad nan gabhadh e ris an dreuchd, chuir MacGilleEathain roimhe gun robh e sàsaichte aig Aonaichte, 's an teaglach aige suidhichte sona ann am [[Bruach Tatha]], [[Dùn Dèagh]]. Dhiùlt MacGilleEathain tairgse eile à [[Newcastle United]] san Òg-mhios, 1984.