An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jim MacGilleEathain"

Content deleted Content added
Loidhne 54:
 
Stèidhich e [[poileasaidh òigridh co-eagraichte]] sa bhad, poileasaidh a chuireadh a-mach mòran cluicheadairean math òg air feadh nam fichead bliadhna a lean. Chleachd e, sa chiad dol a-mach, an t-eòlas a bh' aige air saoghal ball-coise na h-Alba gus cluicheadairean fiosrachail a cheannach, a leigeadh leis an sgioba agus an stoidhle cluich ath-chruthachadh a dh' aon inntinn leis an dòigh còidseadh aige.
 
Cha b'e ach ìre meadhanach-math a ruig an club an toiseach, a' mairsinn mu mheadhan an lìog fad corra bhliadhna eile. B' e a' chiad tuigse air an t-soirbheachas a bhuinigeadh MacGilleEathain san àm ri teachd, nuair a stiùireadh an club gu a chiad cuairt dheireannach riamh de Chupa na h-Alba ann an 1974. Ged a chaill an club, b' e ceum mòr saidhg-eòlach a bh' ann a thaobh eòlas Mhic'illeathain agus leasachadh a' chlub. Thogadh air piseach siubhal a' Chupa san ath-ràith, a' crìochnachadh san ceathramh àite; b' e sin an crìoch a b' fheàrr a rinn an club a-riamh ann an Ciad Roinn na h-Alba ro ath-dhealbhachadh nan lìogan.