An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jim MacGilleEathain"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 42:
 
 
== Ciad Làithean Òige 's anna Làithean Cùrsa-cluiche aige ==
 
Rugadh MacGilleEathain ann an [[Larkhall]], [[Siorrachd Lannraig a Deas]] ann an 1937, agus chaidh àrach ann am baile beag goirid dha, [[Ashgill]]. Chuir e a-steach a thìde na fhoghlamaiche do shaor, a' leantainn air an obair seo pàirt-thìde fhad 's a bha e a' cluich ball-coise san lìog, rud nach robh na annas a-measg cluicheadairean sna 1950an 'sna 1960an. Thòisich e air an cùrsa-obrach ball-coise aige aig [[Hamalton Acaideamaigeach]], 's e na "inside-forward". As a dhèidh seo, bha e a' cluich còmhla ri [[B.C. Cluaidh|Cluaidh]], [[Club ball-coise Dùn Dèagh|Dùn Dèagh]] agus [[Cill Mhearnaig]], gun a bhith a' ruigsinn an aon ìre de shoirbheachas sa ruig a bhràthair, [[Tommy MacGilleEathain|Tommy]], ach a' nochdadh 474 tursan, 's a' cur 170 tadhalan. Leig e dheth a bhith na chluicheadair ann an 1970, a' tilleadh a Dhùn Dèagh na chòids anns an Iuchair, a' bhliadhna sin fhèin.
 
 
== Dùn Dèagh Aonaichte ==
 
Bha Jim MacGilleEathain air 18 mìosan a chur seachad na chòids aig Pàirc Dhens nuair a thug co-strìtheach Dhùn Dèagh Dùn Dèagh Aonaichte tairgse dha dreuchd a' mhanaidsear a ghabhail anns an Dùbhlachd 1971. B'e sin an àite Jerry MacGillechiar a bha a' leigeil dheth a dhreuchd. Ghabh Jim ris an tairgse agus dh'imrich e a-null an rathaid gus tòiseachadh air obair a' mhanaidsear aig Pàirc Thanachais, aig aois 34.
 
A-rèir Seòras Fox agus MacGilleEathain fhèin, b' e a' chiad rud a dh' iarr e air bòrd a' chlub uaireadair-stad a cheannach dha, ach an cuireadh e feabhas air fallaineachd nan cluicheadairean.
 
Stèidhich e poileasaidh òigridh co-eagraichte sa bhad, poileasaidh a chuireadh a-mach mòran cluicheadairean math òg air feadh nam fichead bliadhna a lean. Chleachd e, sa chiad dol a-mach, an t-eòlas a bh' aige air saoghal ball-coise na h-Alba gus cluicheadairean fiosrachail a cheannach, a leigeadh leis an sgioba agus an stoidhle cluich ath-chruthachadh a dh' aon inntinn leis an dòigh còidseadh aige.