An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jim MacGilleEathain"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 39:
 
B’ e cluicheadair agus [[manaidsear]] [[ball-coise]] [[Albannach]] a bh’ ann an '''Seumas Yuill MacGilleEathain''', a rugadh ann an 1937. Dh’ fhaodadh a ràdh gur esan aon de na manaidsearan Albannaich a b’ fheàrr a bh’ ann riamh, còmhla ri leithid [[Alex Fearghastan]], [[Jock Stein]], ‘s mar sin air adhart.
Choisinn e a chliù aig stiùir [[Dùn Dèagh Aonaichte]] fad 22 bliadhna. B’ esan am manaidsear a b’ shoirbheachaile ‘s a b’ fhaide a bh’ ann dhaibh riamh; gan toirt gu trì urraman mòra agus gan stèidheachadh mar sgioba làidir ann am [[farpaisean Eòrpach]]. Ghabh e na chathraiche anns na h-ochdadan, ‘s e fhathast na mhanaidsear cuideachd, ach leig e dheth a dhreuchd sin ann an 2000. Tha e an-dràsta gun obair làn-tìde, ach a’ sgrìobhadh colbh seachdaineil dhan [[''Daily Record'']]. A dh’aindeoin a bheachdan fhosgarra, ‘s cho iomraiteach ‘s a bha e mar mhanaidsear cruaidh teann, agus mar a chaidh e às rud beag fhad ‘s a bha crìoch a’ tighinn air an saoghal-obrach aige, ‘s esan aon de na fir as measail a th’ ann fhathast ann am [[ball-coise Albannach|ball-coise na h-Alba]].
 
[[Category:Ball-coise]]