An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Burgos"

Content deleted Content added
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.3
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.4
 
Loidhne 21:
Tha a h-uile coltas ann gur ann à ''burgus'' ann [[Laideann]] - às a' [[Greugais|Ghreugais]] Πύργος (pyrgos) airson tùr - a tha ainm a' bhaile. A bharrachd air sin, tha an t-eileamaid gu matha cumanta ann an Castilla. B' e ''Caput Castellae'' ([[Gàidhlig]]ː Ceann a' Chaisteil) a chanadh ris nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach. A dh'aindeoin sin, tha cuid a' ràdh nach eil sin idir ceart agus gur ann à ''baurg'' ann an Gotais a tha e, eadar na Ròmanaich agus na h-Arabaich.<ref>Wright J., A Primer of the Gothic Language, [[1982]]</ref>
==Eachdraidh==
B' e na Ceilt-Ibearaich o shean a stèidhich am baile agus b' ann leotha a bha an t-àite nuair a ràinig na Ròmanaich. Bha am baile agus an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach fad linntean, mar phàirt Hispania ''Citerior'' agus an uair sin ''Hispania Tarraconensis''. Chruthaich Diego Rodríguez Porcelos caisteal an seo ann an [[884]],<ref>[http://www.condadodecastilla.es/historia/historia-conde-diego-rodriguez/conde-castilla-diego-rodriguez-873-885/ Condado de Castilla]</ref> air na crìochan eadar na [[Ioslam|Muslamaich]] agus [[Crìosdaidheachd|Crìostaidhean]]. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an [[1833]].<ref>[https://web.archive.org/web/20160107071542/http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' ann anns a' bhaile seo a chaidh [[Lazarillo de Tormes]] fhoillseachadh airson a' chiad turais ann an [[1554]].<ref>Fiore, Robert L. Lazarillo de Tormes. Boston: Twayne Publishers, 1984.</ref> Thuit am baile dha na reubaltaich [[Faisisteachas|Faisisteach]] beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] ann an [[1936]].<ref>Hurtado V., La Sublevación, [[2010]], Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1</ref> Stèidhichte [[Francisco Franco]] a phrìomh-bhaile an seo gu ruige deireadh a' chogaidh.<ref>[http://www.actashistoria.com/actashistoria.php?historia=1&go=4&varcoltres=47&varcoldos=53&varcoluno=30&efem=1&conectado=235 Actas de Historia]</ref>
 
==Cruinn-eòlas==