An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tighearnas nan Eilean"

Content deleted Content added
ceartaichean gràmair
No edit summary
 
Loidhne 4:
 
== Somhairle Mac Gille Brìdhde ==
AnnAnns an 12mh linn, bha Somhairle Mac Gille Brìdhde (?1117-1164) na thighearna-cogaidh cudromach. A rèir beul-aithris, b' e [[Lochlannach]] a bh' ann an athair Shomhairle, ach b' e bana-Ghàidheal a bh' anns a mhàthair. Ann an 1140, phòs Somhairle Raghnailt, nighean Olaf Ruaidh, rìgh [[Eilean Mhanainn]] agus nan Eilean.<ref>[https://web.archive.org/web/20151001144913/http://gaidhlig.educationscotland.gov.uk/scotlandshistory/makingthenation/somerled/index.asp Foghlam Alba: Somhairle, Rìgh nan Eilean.]</ref> Ann an 1156, thug Somhairle buaidh air Goraidh Dubh, mac Olaf Ruaidh agus rìgh Lochlannaich nan Eilean, agus fhuair e cumhachd air [[Innse Gall]] agus Eilean Mhanainn. Ach bha Somhairle ag iarraidh fearann air tìr-mòr cuideachd. Ann an 1164, bha Somhairle a' dèanamh iomairt ann an Earra-Ghàidheal agus chuir e roimhe ionnsaigh a thoirt air [[Rinn Friù]], ach chaidh Somhairle a bhrathadh agus a mharbhadh leis a dhàimheach fhèin.<ref>[http://www.bbc.co.uk/scotland/history/articles/lords_of_the_isles/ BBC Scotland's History: The Lords of the Isles.]</ref> Nuair a bhàsaich Somhairle, fhuair mac Shomhairle, Dùghall, agus dithis [[ogha]] aige, Ruairidh agus Dòmhnall, an rìoghachd agus stèidhich gach fear dhiubh cinneadh aige fhèin: fhuair Dòmhnall agus a chlann [[Ìle]], agus ann an 14mh linn, b' e Clann Dòmhnaill an cinneadh a bu chudromaiche.<ref>[https://web.archive.org/web/20160305130130/http://www.finlaggan.com/page/14.asp Finlaggan: the Centre of the Lordship of the Isles. "Somerled."]</ref>
 
== Blàr na Leargaidh Gallda (1263) ==