An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Martin Luther"

Content deleted Content added
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2
Bluelink 1 book for verifiability (20221120)) #IABot (v2.0.9.2) (GreenC bot
 
Loidhne 3:
 
== Beatha Mhàrtainn ==
Rugadh Màrtainn Lùtair (''Martin Luther'' 'sa Bheurla) 10 an t-Samhain 1483 ann an [[Eisleben]] ann an [[Sagsainn-Anhalt]]. Chaidh a thogail ann am Mansfeld, far an do dh’fhàs athair Mhàrtainn rud beag beairteach le bhith ag obair mar thuathanach agus mèinnear. Mar sin b’ urrainn do Mhàrtainn a dhol dhan oilthigh, far an do dh’ionnsaich e [[Laideann]], gràmair, ùr-labhairt, ealain-reusanachaidh, beus-eòlas agus ceòl. O chionn’ s gum bu mhiann le athair Mhàrtainn gum biodh Màrtainn na fear-lagha, chaidh Màrtainn do [[Oilthigh Erfurt]]. Ach aon latha, nuair a bha Màrtainn a’ tilleadh do dh’Erfurt, thàinig stoirm le tàirneanach agus dealanach uabhasach. Bha eagal a bheatha air, agus thuirt e: "Naomh Anna, cuidich mi, ma leigeas tu mi a bhith beò, bidh mi nam mhanach". Mar sin chaidh e an-aghaidh toil athair do mhanach. Ann an 1507 fhuair e òrdachadh sagartachd. An uair sin chaidh e gu [[Wittenberg]] airson rannsachadh diadhaireachd, far an do dh’ionnsaich e [[Greugais]] agus [[Eabhra]]. Ann an 19 an Dàmhair 1512 cheumnaich e le PhD. An dèidh sin thòisich e air a theagasg mar ollamh mu "''Lectura in Biblia''" ann an [[Oilthigh Halle-Wittenberg|Oilthigh Wittenberg]].<ref name=Brecht12>Brecht, Martin. ''Martin Luther''. tr. James L. Schaaf, Philadelphia: Fortress Press, 1985–93, 1:112–127.</ref><ref>{{cite book |last=Hendrix |first=Scott H. |year=2015 |title=Martin Luther: Visionary Reformer |url=https://archive.org/details/martinluthervisi0000hend |place=New Haven, CT |publisher=Yale University Press |isbn=978-0-300-16669-9 |page=[https://archive.org/details/martinluthervisi0000hend/page/44 44]}}</ref>
 
== Beachdan ùra ==