An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Buga"

Content deleted Content added
b corr using AWB
Rescuing 2 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.2
 
Loidhne 20:
}}
 
'S e baile meadhanach ann am [[Valle del Cauca (Roinn)]], ann an [[Coloimbia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th' ann am '''Buga''' neo '''Guadalajara de Buga'''. Tha e suidhichte aig àirde dhe 969m os cionn ìre na mara 67km air falbh bho [[Cali|Chali]], prìomh-bhaile na roinne, agus 445km bho [[Bogotá|Bhogotá]]. 'S e Buga an 44mh baile as motha na dùthcha.<ref>[httphttps://web.archive.org/web/20071001063527/http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&dat=32&geo=-55&srt=npan&col=aohdq&pt=c&va=&srt=pnan Bailtean as motha na dùthcha]</ref> Chaidh am baile a steidheachahd ann an [[1555]].
 
== Freumhan an Ainm ==
Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns [[an Spàinn]]: m.e. [[Bogotá|Sante Fe de Bogotá]], [[Ibagué|San Bonifacio de Ibagué]] agus [[Cali|Santiago de Cali]].<ref>[http://www.albaiges.com/onomastica/toponimia/toponimiaespacio.htm Toponimia]</ref> Mar sin, fhuair am baile an t-ainm Guadalajara bhon a' bhaile leis an aon ainm ann [[An Spàinn]]. 'S ann às an ainm [[Arabais]] 'wād al-ḥaŷara (واد الحجرة neo وادي الحجرة) a tha Guadalajara agus tha e a' ciallachadh Abhainn na Clachan. Tha na h-ùghdarrsan a'creidsinn gur e ainm Tùsanach a th'ann an eilimeid Buga, oir bha tuathan Carib nan tàmh an seo ro ruigheachd nan Spàinnteach. A bharrachd air sin, tha tòrr àite ris an canar Buga ri fhaicinn air feadh [[A' Chairibìan]].<ref>[http://www.guadalajaradebuga-valle.gov.co/nuestromunicipio.shtml?apc=I1----&s=m&m=I Fiosrachadh a' Chomhairle]{{Dead link|date=September 2022 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref>
 
== Sluagh a' bhaile ==
Ged a tha 116,893 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 17,000 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref> Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[httphttps://wwwweb.archive.org/web/20130715063537/http://colombia-virtual.com/municipios.html Cololmbia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an [[dùthaich]], tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
 
Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/[[mestizos]] a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Buga. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.1% agus tha 8.2% dhe daoine le freumhan ann an [[Afraga]]. ' S urrainn dhan 93.9% dhe na daoine ann an Buga leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 63.5% dhe na dachannan.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/censo2005/perfiles/valle/buga.pdf Bileag fhiosrachaidh DANE]</ref>