An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Beurla"

Content deleted Content added
Rescuing 1 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.2
Loidhne 28:
 
== Beurla sa Ghàidhlig agus cànanan eile ==
Ged is i [[Sasainn]] a' [[Gàidhlig]] air an [[dùthaich]], agus [[Sasannach]] air nithean a bhuineas do Shasainn, thàinig gur i ''Beurla'' a ghabhas air a' chànan. Tha Beurla a' buntainn do '''Bélre''' san t-seann Ghàidhlig, a' tighinn bho "beul" agus "re".<ref>[httphttps://www2web.archive.org/web/20090417234617/http://smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/macbain/macbain.txt/ Faclair MhicBheathain]</ref> Mar seo, tha i cuideachd a' ciallachadh ''cainnt'', no ''teanga ''san fharsaingeachd a bharrachd air a brìgh san latha a th' ann. Tha a' Ghàidhlig, a-rèiste, a' cur dealachadh eadar a' Bheurla Shasannach, mar a labhras ann an Sasainn i, agus Beurla Albannach, Beurla leathann, no mar as fheàrr a dh' aithnichear an-diugh i, [[Beurla Ghallda]] air an cuireadh Beurla Ghallda bho chionn goirid air sgrìobhainnean oifigeil na h-Alba. 'S ann a tha cùisean a' tighinn nas toinnte buileach nuair a bheachdaicheas gur i Beurla na Fèinne a chanas ris an t-seann Ghàidhlig a bh' air a bruidhinn measg muinntir na Fèinne san t-seann aimsir.<ref>[http://www.faclair.com/?txtSearch=Beurla Dwelly-d]</ref>
 
Thachair gur e facal ceangailte ri ainm aon de na treubhan Gearmailteach – na h-Anglaich – a chuireadh air Sasainn agus air a' Bheurla Shasannach sa chànan fhèin; ''England'', ''English''. Mar an ceudna, anns a' chuid as motha de chànanan an t-saoghail ma-tà, tha am facal a thathas a' cur air Beurla, a' buntainn don fhacail a thathas a' cleachdadh mar ainm Shasainn (m.e. Angleterre, anglais; Inglaterra, ingles) ach ann an cànanan mar [[Sìonais|Shìonais]] no [[Iapanais]], chan eilear a' cur dealachadh eadar Sasainn, Beurla Shasainn no [[Breatainn]], a dh' aindeoin 's gum bheil faclan eile aca air [[Alba]], [[a' Chuimrigh]] ag]us [[Èirinn]] a Tuath. Mar eisimpleir, ann an Iapanais, canar 英語 (''eigo'') ri Beurla Shasainn, agus 英国(''eikoku'') ri [[Breatainn]], [[Sasainn]] no an [[Rìoghachd Aonaichte]] am bitheantas ach, 's e a th' ann am barail mòr-shluagh na dùthcha sin an da-rìreabh, ach Sasainn a-mhàin, oir chan eil eadar-dhealachadh ann eadar Breatainn (英国), agus an R.A(イギリス no Sasainn(英国、イギリス、イングランド)nan [[eanchainn]]ean, do bhrìgh 's gum bheil dlùth-cheangail sa chainnt mhàthaireil aca eadar an ''cànan'' fhèin (Beurla Shasannach) agus na h-ainmean Breatainn, an R.A agus Sasainn uile. Thathar a-nis a' cur dealachadh eadar イングランド ''ingurando'' (Sasainn),スコットランド''sukottorando'' (Alba), ウエールズ''ueeruzu'' (A' Chuimrigh), 北アイルランド ''kitaairurando'' (Èirinn a Tuath) agus イギリス ''igirisu'' (Sasainn, An Rìoghachd Aonaichte), gu h-àraid bhon a bha Sgioba Ball-coise Shasainn a' cluich ann an [[Cuach na Cruinne]] ann an [[Iapan]] an 2002. Gidheadh, 's e facal a bhuineas don fhacail [[Portagailis|Phortagailis]] – '''ingles''' – a th' ann an イギリス.
Loidhne 39:
An dèidh do [[Uilleam Diùc Normandaidh]] na [[Sasannach|Sasannaich]] a cheannsachadh, chuir e fhèin agus na h-uaislean aige dìmeas air a' Bheurla agus gach ni Sasannach. Cha robh cànan sam bith air a theagasg ann an sgoiltean no oilthighean ach [[Fraingis]] no [[Laideann]] rè mòran linntean an dèidh sin. Is mòr an t-atharrachadh a thàinig air a' Bheurla bho na làithean ud.
 
Cha robh a' Bheurla gu deireadh linn an treasamh [[Eideard III|Ìomhair]], Rìgh Shasainn, idir coltach ris a' Bheurla a tha air a labhairt san latha an-diugh. Air an adhbhar sin, chan eil seann leabhraichean sgrìobhte rim faighinn anns a' Bheurla mar a gheibhtear ann an [[Gàidhlig]], Laideann no seann chànanan eile. <ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/en/leabharlann/mactalla/vol4/36/07.jpg/ Mac-Talla, 14 Màrt, 1896; d.7]{{Dead link|date=September 2022 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref>
 
An dèidh [[Buaidh nan Normanach]], chaidh Seann Bheurla na [[Beurla Mheadhanach]], a' gabhail a-steach an t-uabhas fhaclan-iasaid agus gnàthsan litreachaidh bho chainnt nan [[Normanach]] (Sasannach-Fhrangach). Thàinig Beurla an latha an-diugh gu bith bhon uairsin, agus san latha a th' ann, 's ann a tha i a' leantainn oirre faclan-iasaid cèin a thoirt a-steach bho chaochladh chànanan, a thuilleadh air a briathrachais fhèin a chruthachadh.