An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ávila (provincia)"

Content deleted Content added
b corr using AWB
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2
Loidhne 16:
| DUILLEAG = [http://www.diputacionavila.es/ Riaghaltas na Roinne]
}}
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Ávila''' ([[IPA]]: ''aβila''). Tha e na laighe ann an [[Castilla y León]], ann am meadhan na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Ávila]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Chastilla y León i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Ávila fad 8,050km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 172,704 duine a' fuireach ann.<ref>[https://web.archive.org/web/20150712064531/http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 30mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an ceathramh as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Cáceres (provincia)|Cáceres]], [[Madrid]], [[Salamanca (provincia)|Salamanca]], [[Segovia (provincia)|Segovia]], [[Toledo (provincia)|Toledo]] agus [[Valladolid (provincia)|Valladolid]].<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
'S ann connspaideach 's a tha [[freumh-fhaclachd]] an ainm. Tha e coltach gur ann à ''Obila'' no ''Abula'' ann am punagais no [[Basgais]] a tha a' ciallachadh cnoc no crìoch.<ref>[http://bibliotecadigital.jcyl.es/i18n/consulta/registro.cmd?id=37 Biblioteca Digital]</ref> Dh'atharraich na Ròmanaich an t-ainm gu ''Abila/Abela'' ann an [[Laideann]].<ref>[http://centrodeestudiosabulenses.blogia.com/temas/abulenses/ Abulenses]</ref> A dh'aindeoin sin, tha cuid a' gràdh gur ann às a' Ghotais ''Awilô'' no ''Awila'',<ref>Topica Hesperica, Corominas J., [[1972]], ISBN 9788424904531</ref> ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.