An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Soria (provincia)"

Content deleted Content added
b corr using AWB
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2
Loidhne 16:
| DUILLEAG = [http://www.dipsoria.es/ Riaghaltas na Roinne]
}}
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Soria''' ([[IPA]]: ''soɾja''). Tha e na laighe ann an [[Castilla y León]], ann an ceann a tuath na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Soria]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Chastilla y León i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Soria fad 10,303km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 95,223 duine a' fuireach ann.<ref>[https://web.archive.org/web/20150712064531/http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 23mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an roinn as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Burgos (provincia)|Burgos]], [[Guadalajara (provincia)|Guadalajara]], [[La Rioja]], [[Segovia (provincia)|Segovia]] agus [[Zaragoza (provincia)|Zaragoza]].<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
'S ann connspaideach 's a tha [[freumh-fhaclachd]] an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à ainm [[Abhainn|na h'aibhne]] ''Duero'' (''Durius'' ann an [[Laideann]]), a tha a' sruthadh tron sgìre. Le sin, dh'atharraicheadh an ''d'' gu ''s'' fad nan linntean, às aonais an co-fhuaimreag ''ue'' anns an Spàinntis.<ref>Martínez Hernando M.C., Los Orígenes de la ciudad de Soria</ref> A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn nach eil an t-ainm idir nas aosda na na meadhan aoisean agus gur mathaid gur ann à ''so'' (Gàidhlig: ''Tùr na Faire'') agus ''ura'' (Gàidhlig: ''abhainn'') ann am [[Basgais]]. Tha teòiridh eile ann a chanas gu robh baile ann o chionn fhada air an robh ''Oria'' - bhon ainm Dorios ann an [[Greugais]] - a thug ainm dhan sgìre, ged nach eil ach glè bheag de dhaoine a tha a' gabhail ri sin an latha an'diugh. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.