An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Segovia (provincia)"

Content deleted Content added
b corr using AWB
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2
Loidhne 16:
| DUILLEAG = [http://www.dipsegovia.es/ Riaghaltas na Roinne]
}}
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Segovia''' ([[IPA]]: ''seˈɣoβja''). Tha e na laighe ann an [[Castilla y León]], ann am meadhan na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Segovia]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Chastilla y León i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Segovia fad 6,796km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 164,169 duine a' fuireach ann.<ref>[https://web.archive.org/web/20150712064531/http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 37mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an treas as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Ávila (provincia)|Ávila]], [[Burgos (provincia)|Burgos]], [[Guadalajara (provincia)|Guadalajara]], [[Madrid]], [[Soria (provincia)|Soria]] agus [[Valladolid (provincia)|Valladolid]].<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
Tha a h-uile coltas ann gur ann à ''Segobriga'' a tha ainm a' bhaile. 'S e ainm gu math Ceilteach a th' ann, bho ''Sego'' ([[Gàidhlig]]: ''buaidh'') agus ''briga'' ([[Gàidhlig]]: ''dùn''). Bheireadh sin Segburgh dhuinn ann an [[Alba]], leis gu bheil na faclan a' nochdadh anns na [[Cànan|cànain]] Gearmailteach (''sieg'' agus ''burg''). Chaidh an t-ainm arabachadh gu ''شقوبية'' (Šiqūbiyyah) ach 's e an t-seann ainm ann an [[Laideann]] a tha ga chleachdadh a-nis.<ref>Los topónimos: sus blasones y trofeos (la toponimia mítica), Galmés de Fuentes A., Real Academia de la Historia, [[Madrid]], [[2000]]</ref> A dh'aindeoin sin, tha cuid a' ràdh nach eil sin idir ceart agus gu robh an Segobriga mun do sgrìobh [[Livius]] agus [[Ptolomaidh]] faisg air Saelices, ann an Cuenca. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.