An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Girona (provincia)"

Content deleted Content added
b corr using AWB
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2
Loidhne 16:
| DUILLEAG = [http://www.ddgi.cat/ Riaghaltas na Roinne]
}}
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Girona''' ([[IPA]]: ''ʒiˈɾonə'', [[Spàinntis]]: ''Gerona''). Tha e na laighe ann an [[Catalòinia]], air an àirde an ear-thuath na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Girona]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B'e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Chatalòinia i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Girona fad 5,910km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 756,810 duine a' fuireach ann.<ref>[https://web.archive.org/web/20150712064531/http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 40mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 20mh tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Barcelona (provincia)|Barcelona]], [[Lleida (provincia)|Lleida]] agus An Fhraing.<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e [[Catalanais]] agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha [[Freumh-fhaclachd]] an àite seo. Tha e coltach gur ann às an [[Abhainn]] Onyar (no Undarios o chionn fhada) a tha e. B’ e Kerunta a bh’ ann an t-ainm Ibearach agus chaidh sin atharrachadh gu Gerunda ann an [[Laideann]] nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach.<ref>[http://ciutatdegirona.info/esp/historia-2/posibles-origenes-de-girona/de-kerunta-a-gerunda-los-origenes-de-la-ciudad/ Ciutat de Girona]</ref> Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimeanachadh an ainm, a’ call an d eadar nan connragan, a’ toirt Girona dhuinn an latha an-diugh ann an Catalanais.<ref> De Kerunta a Gerunda: Els Origens de la Ciutat, Palahi L., Nolla J.M., Vivo D. , Ajuntament de Girona, [[2007]], ISBN 9788484960478</ref> Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.