An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Ruis"

Content deleted Content added
→‎Eachdraidh: leasachadh
leasachadh
Loidhne 71:
Riaghlaich na Romanovaich eadar 1613 nuair a chaidh Mìcheil Romanov a thaghadh mar Ìmpire is 1917. Stèidhich [[Peadar Mòr na Ruise]] [[Sankt Peterburg]] is ath-thogail e an eaglais, an t-seirbheis catharra, an t-arm is a' chabhlachd. Shabaidich an Ruis anns a' cho-bhanntachd an aghaidh [[Napoleon]] is na h-aonar an aghaidh Breatainne agus an Ìmpire Otomanach ann an Cogadh a' Chrimea, agus an aghaidh na Seapaine ann an 1904–1905. An dèidh sin bha rèabhlaid ann an 1905 is stèidhich Nikolai II pàrlamaid, an Duma, agus bun-reachd.
 
Bha an Ruis na pàirt dhen [[Aonadh Sobhiat]] eadar an rèabhlaid ann an 1917 anns an deach an stàit na phoblachd, agus [[1991]].<ref name="BBC">{{iomradh lìon | url = https://www.bbc.co.uk/news/world-europe-17840446 | tiotal = Russia profile - timeline | foillsichear = BBC | ceann-là = 2019-04-26 | ceann-là_inntrigidh = 2022-05-17 }}</ref>
 
== Cruinn-eòlas ==
Tha an cuid as motha na dùthcha na laighe ann an [[Àisia]], ach tha pàirt ann, a tha ceangailte leis [[an Roinn-Eòrpa]].
 
Bhuannaich an Ruis na ranntairean a chaidh nan [[Eastònia]] agus [[An Laitbhe]] bhon [[an t-Suain|Suain]] ann an 1721. Eadar 1772 is 1814 cheannsaich an Ruis Crimea, [[an Ucràin]], [[A' Chairtbheil]], [[A' Bhealaruis]] is [[Moldàibhia]], agus meadhan Àisia ann an 1864/1865.<ref name="BBC"/>
Cheannaich [[na Stàitean Aonaichte]] [[Alasca]] ann an 1867.<ref>{{iomradh lìon | url = https://history.state.gov/milestones/1866-1898/alaska-purchase | tiotal = Purchase of Alaska, 1867 | foillsichear = Roinn na Stàite, Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte | ceann-là_inntrigidh = 2022-05-25 }}</ref>
Chaill an Ruis Eastònia, an Laithbhe is [[Liotuàinia]] anns an rèabhlaid is chaidh na ranntairean eile nam poblachdan mar phàirt dhen Aonadh Sobhiat.<ref name="BBC"/>
 
Tha mòran aibhnichean ann an Ruis. Tha [[loch]]an mòra ann cuideachd: