An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Phruis"

Content deleted Content added
Replacing Preußischer_Adler_(1871-1914).svg with File:Coat_of_arms_of_Prussia.svg (by CommonsDelinker because: File renamed: Criterion 6 (maintenance or bug fix)).
Loidhne 25:
==Eachdraidh==
Thug a' Phruis thairis [[Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotàinia]] fad an [[18mh Linn]], ann an co-bhann leis [[An Ostair]] agus [[An Ruis]]. Dh’fhàs a’ Phruis na bu chumhachdaiche is na bu chumhachdaiche<ref>[http://www.globalsecurity.org/military/world/europe/de-kaiserreich.htm Global Security]</ref> beag air bheag aig ìre na Roinn Eòrpa ro [[1871]] nuair a chaidh A’ Ghearmailt a stèidheachadh mar aon dùthaich.<ref>[http://www.tacitus.nu/historical-atlas/prussia3.htm Tacitus Historical Atlases]</ref> ‘S e [[Königsberg]] a bh' ann a' chiad phrìomh-bhaile na Pruise, ach thaghadh [[Berlin]] mar phrìomh-bhaile ùr ann an [[1701]], o chionn 's gu robh e dìreach ann an meadhan na dùthcha. A bharrachd air sin, 's e a’ Phruis an dùthaich a fhuair an adhartas teicneòlais na bu motha anns an Roinn Eòrpa fad an [[19mh linn]].<ref>[http://www.newadvent.org/cathen/12519c.htm New Advent]</ref> B’ e dùthaich neo-eisimeileachd a bh' anns a’ Phruis bhon [[17mh linn]] gu ruige [[1871]] nuair a ghabh Rìgh na Pruise thairis A’ Ghearmailt air fad, an dèidh buaidh a thoirt air [[An Danmhairg]] ann an [[Dàrna Cogadh Schlwesig]] ann an [[1864]] agus rinn iad a' chùis an aghaidh [[An Ostair|na h-Ostair]] ann an [[1866]] agus mu dheireadh thall chuir ruaig a chur air na [[An Fhraing|Frangaich]] anns a’ [[Cogadh Frangach-Prùisianach|Chogadh Frangach-Pruisianach]] ann an [[1870]] agus [[1871]].<ref>[http://www.laguia2000.com/francia/la-guerra-franco-prusiana La Guia]</ref> Bha prìomh mhinistear na Pruise, [[Otto von Bismarck]] an sàs anns an iomairt gus A’ Ghearmailt a chur ris a chèile fo stiùireadh na Pruise airson Dàrna Reich ([[Gàidhlig]]: Rìoghachd) nan Gearmailteach a stèidheachadh is bha e na phrìomhair na Gearmailte an dèidh sin cuideachd.<ref>[http://www.biografiasyvidas.com/biografia/b/bismarck.htm Biografías y Vidas]</ref> Le sin, chaidh a’ Phruis à bith mar stàit ann an [[1871]], ged an do lean e gu ruige [[1947]] mar roinn.<ref>[http://www.tacitus.nu/historical-atlas/prussia3.htm Tacitus Historical Atlases]</ref> Ann an [[1853]] chuir Riaghaltasan na Pruise agus na [[Diùcachd Oldenburg]] ainmean gu Còrdadh Jade ([[Gearmailtis]]: ''Jade-Vertrag''),<ref>[http://www.nwzonline.de/preussen-in-wilhelmshaven_a_6,1,4176566368.html NWZ Online]</ref> a thug 3.13km² dhe talamh ri taobh Bàgh Jade dhan Phruis, far a bheil [[Wilhelmshaven]] an-diugh.
==Daoine Ainmeil==
*[[Georg Wilhelm Friedrich Hegel]] ([[1770]] - [[1831]])
 
== Iomraidhean ==