An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "James Watt"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
 
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
 
Is e saor-innealan-thomhais, [[fiosaigiche]], [[innleadair]] agus fear[[neach-mhalairtmalairt]] a bha ann an '''James Watt''' ([[19 am Faoilleach]] [[1736]] - [[25 an Lùnasdal]] [[1819]]). Rugadh e ann an [[Grianaig]], far an robh a h-athair na bhàillidh agus na fhear-togail thaighean is bhàtaichean. Chaochail e aig aois de 83 bliadhna ann am [[Birmingham]], [[Sasainn|Shasainn]].
 
Cha robh deagh shlàinte aige nuair a bha e na bhalach agus fhuair e foghlam tràth on a mhàthair mus deach e gu sgoil gràmair. Chaidh e an 1753 gu Glaschu airson tàilleabhachd agus an 1755 gu [[Lunnainn]]. Thill e gu [[Glaschu]] aig aois 21 a dh'fhosgladh bùth aig [[Oilthigh Ghlaschu]] airson [[innealan-thomhais matamataigeachd]] a dhèanamh agus a chàradh. 'S ann anns a' cheàrd sin a bha e nuair a chaidh iarraidh air samhail de [[Inneal-stotha|dh'inneal Newcomein]] a chur an gleus. Bha an t-inneal an seilbh roinn [[Eòlas-nàdair|Feallsanachd Nàdurra]] na h-Oilthighe ach cha do dh'obraich e gu cheart. 'S ann anns an iomairt siud a chruthaich e ciste fa-leth airson fuaradh agus dlùthadh stotha. Leis a' chiste-dhlùthaidh an staid falamhantas, nan chuireadh an ciste-dhluthaidh an co-radhas leis an t-siolandair làn stotha, teicheadh stotha bhon t-siolandair dhan chiste-dhlùthaidh - far an rachadh a dlùthadh ri uisge-glèidheadh mar sin falamhantas a' chiste-dhlùthaidh agus aobhraicheadh anns an t-siolandair an falamhantas a bha dhìth a dh'obraich an t-inneal.